Ìle
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An deasbad a' leantainn ann an Ìle

13 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid làn-dheasbad a chumail ann an Taigh nan Cumantan Dimàirt air buil an referendum air neo-eisimeileachd, agus na geallaidhean gun deadh atharrachadh a dhèanamh air bun-reachd na Rìoghachd Aonaichte.

Le aire a-nis air tionndadh gu dè na cumhchdan ùra a gheibh Alba, thadhail Andreas Wolff air Ìle agus Lios Mòr a dh'fhaicinn dè mar a bha daoine a' faireachdainn mu chùisean beagan is trì seachdainean bhon a bhòt Alba airson fuireach san aonadh.