Soilleireachadh a dhìth mun Loch Seaforth

Published
image captionThàinig e am bàrr gu bheil gàrradh Flensburger, anns a bheilear a' togail an Loch Seaforth, an ìmpis a dhol fodha ri linn trioblaidean airgid.

Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianainn MacNèill, air mìneachadh iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba mun ghàrradh-shoithichean sa Ghearmailt anns a bheilear a' togail an MV Loch Seaforth.

Thàinig e am follais Dihaoine gu bheil Gàrradh Flensburger Schiffbau-Gesellschaft MBH & Co KG an ìmpis a dhol fodha ri linn trioblaidean airgid.

Tha coltas ann gur dòcha gun tig dàil eile air an Loch Seaforth a dhol air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Tha Mgr MacNeill air tuilleadh fiosrachaidh iarraidh bho Mhinistear na Còmhdhail, Keith Brown.

Soilleireachadh

Thuirt ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil feum air soilleireachadh san aithghearrachd a thaobh an aiseig ùir.

Rinn companaidh Nirribheach tairgse airson a' ghàrraidh a cheannach, ach ma dh'fhailicheas sin, tha ceist ann cuine a thèid an t-aiseag a thoirt dhan chompanaidh CMAL.

Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil soilleireachadh a dhìth mun chùis, agus mu dheidhinn dè a thachras a thaobh bathair, 's am bàta-bathair a th' air air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul gu bhith air a tharraing an ceart-uair.

Obair crìochnachaidh

Thuirt labhraiche bho CMAL gu bheil an gàrradh-shoithichean FSG ga reic agus gum bu chòir dhan sin a bhith deiseil ro dheireadh na mìos.

Thuirt i gu bheil an obair air an MV Loch Seaforth faisg air a bhith deiseil agus nach toir seo buaidh sam bith air.

Tha sgioba bho CMAL anns a' Ghearmailt a' cumail sùil air an obair crìochnachaidh, agus tha iad ann an còmhraidhean le FSG mu dheidhinn an t-soitheach a ghabhail a-null.

Thèid innse cuin a bhios sin a' tachairt nuair a thèid an ceann-là aontachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh