Co-dhùnadh mu sgoiltean Sgitheanach sa Bhliadhn' Ùir

Bun-sgoil Dhùn Bheagain
Image caption 'S ann ann an Dùn Bheagan a dheadh sgoil ùr a thogail

Tha dùil gun dèan comhairlichean Gàidhealach co-dhùnadh mu na tha an dàn do cheithir bun-sgoiltean san Eilean Sgitheanach tràth sa Bhliadhn' Ùir.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson an dùnadh, ach tha pàrantan a tha a' strì airson an gleidheadh air an dòigh anns an do làimhsich an t-ùghdarras an gnothach a chàineadh gu làidir.

Chaidh innse do Chomhairlean nam Pàrant aig sgoiltean an t-Struthain, Dhùn Bheagain, a' Chnuic Bhric agus an Aodainn Bhàin, gur ann san t-Samhain a bhiodh comataidh an fhoghlaim a' beachdachadh air a' chùis.

Ach chan eil an aithisg dheireannaich deiseil fhathast, agus cha tachair sin a-nis chun a' 14mh là den Fhaoilleach.

Thèid aithisg nan sgoiltean fhoillseachadh tràth san Dùbhlachd gus cothrom a thoirt do dhaoine beachdachadh oirre mus bi a' choinneamh ann.

Cothromach

Tha a' Chomhairle a' moladh na ceithir bun-sgoiltean ann an ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh agus sgoil ùr a chur nan àite.

Tha cuid de phàrantan san Eilean Sgitheanach a' fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gun do chùm iad co-chomhairleachadh poblach mu bhith a' dùnadh nan sgoiltean na bu thràithe na bha dùil ann an oidhirp laghan ùr, a chuireas tuilleadh dìon air sgoiltean dùthchail, a sheachnadh.

Sgrìobh am Ball-Pàrlamaid Nàiseantach, Daibhidh MacThòmais, dhan a' Chomhairle a' sireadh barrantais gun do dhèilig iad ris a' chùis gu cothromach.

Thuirt Stiùiriche an Fhoghlaim, Bill Alexander, gun toir an dàil barrachd ùine do dh'oifigich freagairtean a thoirt dha na beachdan a fhuair iad bhon phoball.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile