Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachdan

Foillsichidh Riaghaltas Westminster am planaichean an-diugh airson tuilleadh chumhachdan a ghluasad a Phàrlamaid na h-Alba. Gheall na trì phrìomh phàrtaidhean aig Westminster, ron Referendum, gum biodh tuilleadh fèin-riaghlaidh ann nan cuireadh Alba an aghaidh neo-eisimeileachd. Foillsichidh an Riaghaltas "pàipear command" air a' chùis an-diugh fhathast.

Deasbadan

Tha stiùiriche a' BhBC an Alba a' sgrìobhadh gu ceannardan nam prìomh phàrtaidhean poileataigeach a' toirt cuireadh dhaibh a dhol an sàs ann an deasbadan ron Taghadh Choitcheann an ath-bhliadhna. Bidh pàrtaidhean Albannach, agus pàrtaidhean na rìoghachd air fad an sàs. Tha e mar phàirt de mholadh nas fharsainge, a' toirt a-steach am BBC, ITV, BSkyB agus Sianal 4, airson trì deasbadan ceannaird. Bidh ceannard UKIP, Nigel Farage, nan lùib airson a' chiad uair, ach tha na Lib-Deamaich feargach gum bi Nick Clegg air a chumail bho aonan dhiubh.

MV Loch Seaforth

Feumar soilleireachadh san aithghearrachd air suidheachadh a' bhàt-aiseig ùr, an MV Loch Seaforth, a rèir cheannard Chomhairle nan Eilean Siar. Bha Aonghas Caimbeul a' bruidhinn 's an gàrradh a tha a' togail an t-soithich ann an cunnart a dhol fodha ann am fiachan. Tha cùmhnant a' bhàta-bathair a tha an-dràsta a' ruith eadar Steòrnabhagh is Ulapul a' teireachdainn an ceart-uair, agus bathair còir a bhith an urra ris an Loch Seaforth nuair a thig i.

Spreadhadh

Chaidh fear a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh a-raoir, 's e air a dhroch losgadh ma cheann 's ma làmhan às dèidh spreadhadh na dhachaigh ann am Bràgar. Chaidh adhbharachadh le aoidion gas bhon chucar aige. Chaidh luchd-smàlaidh à Nis agus à Steòrnabhagh a ghairm goirid ro shia uairean a-raoir, agus fhuair iad smachd air an teine.

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

Tha farpaisean na cloinne air tòiseachadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis. Tha dùil ri 3,000 farpaiseach aig ceudan farpaisean ro dheireadh na seachdain. Thòisich cùisean oidhche Haoine, nuair a thug Ceann-Suidhe a' Chomainn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, slaic air buidhnean poblach nach eil a' coileanadh an dleastanais a thaobh na Gàidhlig.

Iain Finnie

Tha fear a bha uair na Bhall-Pàrlamaid Albannach dhan SNP, 's a th' air gluasad a-nis chun Phàrtaidh Uaine, ag ràdh gur dòcha gun seas e às an leth-san aig an ath thaghadh do Phàrlamaid na h-Alba. Tha Iain Finnie am measg mìltean a th' air ùr-bhallrachd a thoirt a-mach anns na h-Uainich bho bha ann referendum ann air a' mhìos a chaidh. Dh'fhàg e an SNP às dèidh dhaibh an seasamh aca air Nato atharrachadh ann an 2012. Leanaidh e mar bhall neo-eisimeileach anns a' Phàrlamaid ge-tà, chun an taghadh ann an 2016.

Pistorius

Tha an lùth-chleasaiche Oscar Pistorius air ais sa chùirt ann am Pretoria ann an Afraga a Deas an-diugh, 's e a' feitheamh fios mun bhinn a thèid a thoirt air. Dhìteadh e mar-thà air casaid gu do mharbh e a leannan, Reeva Steenkamp, le coire. Chaidh fhaighinn neo-chiontach air casaid mhurt. Dh'fhaodadh binn prìosan suas ri 15 bliadhna a dhol air.