Planaichean fèin-riaghlaidh air am foillseachadh

  • Air fhoillseachadh
Alasdair MacIlleMhìcheilTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, gu bheil ìmpidh air ministearan na RA tuilleadh chumhachdan a thoirt seachad do dh'Alba.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air na molaidhean aca airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh gu h-oifigeil.

Anns "a' phàipear chommand", a chaidh a chur air bhog Diluain, tha fiosrachadh mu mholaidhean trì prìomh phàrtaidhean an Aonaidh, a chaidh fhoillseachadh an toiseach air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Nam measg, bha gealltanas gus tuilleadh chumhachdan air cìsean agus sochairean sòisealta a thoirt seachad do dh'Alba.

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, gun robh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd san t-Sultain a' sealltainn gun robh daoine ag iarraidh pàrlamaid làidir le tuilleadh fèin-riaghlaidh.

Thèid bile ùr air tuilleadh chumhachdan a chur air adhart an dèidh taghadh na h-ath-bhliadhna.

Tha na còig pàrtaidhean aig Holyrood mar-thà air beachdan a chur gu Coimisean Mhic a' Ghobhainn, a chaidh a chur air chois leis a' Phrìomhaire, Daibhidh Camshron, an dèidh do luchd-bhòtaidh na h-Alba neo-eisimeileachd a dhiùltadh air a' mhìos a chaidh, 55% gu 45%.

Tha an coimisean ag amas air aonta a ruighinn mun t-slighe air adhart ro dheireadh na Samhna, mus deadh dreach de reachdas ùr fhoillseachadh san Fhaoilleach 2015.

Pàrtaidhean Holyrood

A' foillseachadh "a' phàipeir chommand", thuirt Mgr MacIlleMhìcheil: "Gheall sinn tuilleadh fèin-riaghlaidh agus thèid an gealltanas sin a chumail."

Ged nach eil cus fiosrachaidh ùr sa phàipear, tha ministearean a' cumail a-mach gum bu chòir coimhead air mar ghealltanas gu bheilear an dùil leantainn orra le am planaichean gus barrachd chumhachdan a ghluasad gu Holyrood.

Am measg an cuid mholaidhean, dh'iarr an SNP - a tha os cionn Riaghaltas na h-Alba - làn-smachd fhaighinn bho Westminster air poileasaidhean chìsean agus fiosgail, a thuilleadh air cumhachdan air gnothaichean eile leithid sochairean, cumhachd agus craoladh.

Thuirt na Làbaraich gun robhar ag iarraidh chumhachdan a leigeadh le Riaghaltas na h-Alba 40% de am buidseat fhèin a thogail agus an ìre chìse as àirde àrdachadh, a thuilleadh air smachd air sochairean taigheadais agus a' chuibhreann frithealaidh, ach gum bu chòir do chuid de ghnothaichean, leithid VAT, fuireach fo smachd Westminster.

Tha na Tòraidhean den bheachd gum bu chòir do Holyrood uallach a ghabhail airson a bhith a' stèidheachadh reataichean agus bainn a' chìs chosnaidh, a thuilleadh air earrann de VAT.

Bheachdaich na Libearalaich Dheamocratach gum bu chòir dho dh'Alba a bhith a' togail a' mhòr-chud den airgead a thathar a' cosg, ach gum bu chòir do ghnothaichean leithid sochairean agus dìon fuireach fo bhratach Riaghaltas na RA.

Fo-thiotal an deilbh,
Tha na còig pàrtaidhean aig Holyrood mar-thà air beachdan a chur gu Coimisean Mhic a' Ghobhainn.

Dh'iarradh am Pàrtaidh Uaine, a tha a' taobhadh ri neo-eisimeileachd do dh'Alba, gum faigheadh a' Phàrlamaid Albannach cumhachdan eaconamach nas farsainge, smachd air a' mhòr-chuid de shiostam nan sochairean sòisealta agus barrachd chumhachdan a thaobh cumhachd.

Làn-deasbad

Tha am Morair Mac a' Ghobhainn cuideachd air bruidhinn ri ceannardan còrr is 50 companaidh catharra, agus air sgrìobhadh gu 80 eile a' sireadh am beachdan.

Thuirt e gu bheil an coimisean mar-thà air còrr is 700 post-d fhaighinn bhon phoball.

Dimàirt, thèid làn-deasbad a chumail ann an Taigh nan Cumantan mu na th' air tachairt gu poileataigeach ann an Alba o chionn ghoirid, agus a' bhuaidh a th' aig an sin air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha dùil gun tèid ceistean a thogail mu dè na gnothaichean air am bu chòir cead-bhòtaidh a bhith aig Buill-Phàrlamaid Albannach ann an Westminster.

Nas fhaide air adhart air an t-seachdain, bidh an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, os cionn deasbaid mu chumhachdan a bharrachd agus esan ag ràdh nach bu chòir dàil sam bith a bhith ann mus tig cumhachdan do dh'Alba.