MV Loch Seaforth ann an làmhan CMAL

MV Loch Seaforth
Image caption Tha staing airgid aig a' ghàradh a tha ga togail sa Ghearmailt.

Chuir Cathraiche Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Iain Macaoidh, fàilte air an naidheachd gu bheil am bàt-aiseig an Loch Seaforth a-nis ann an làmhan na buidhne CMAL.

Bha dragh ann mu na bha an dàin dhi, 's e air tighinn am bàrr gu bheil staing airgid aig a' ghàradh shoithichean tha ga togail sa Ghearmailt.

Tha coltas nach bi buaidh aig còmhraidhean sam bith air an obair a tha fhathast ri dhèanamh air an t-soitheach, agus dùil gum bi i a' deanamh air Alba anns na seachdainnean a tha romhainn.

Tha a' Chomhairle fhathast ge-tà, a' togail cheist mu na thachras a thaobh a' bhàta-bhathair, MV Clipper Ranger, 's an cùmhnant aicise a' tighinn gu crìch aig deireadh na mìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo