Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachdan Ùra

Bidh deasbad aig Westminster an-diugh air cumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba. Tha am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond ag ràdh gu bheil beàrn mòr ann a-nis eadar na bha ga ghealltainn le pàrtaidhean an Aonaidh ron Referendum, agus na tha ga thabhainn leotha a-nis. Thuirt Ceannard nan Cumantan Uilleam Hague mar fhragairt ge-tà, gun tèid a h-uile gealladh a choileanadh.

Ìre na h-Atmhorachd

Tha Ìre na h-Atmhorachd air slat-tomhais an CPI air tuiteam chun na h-ìre as ìsle bhon t-Sultain 2009. Airson na Sultaine am bliadhna bha an ìre aig 1.2% - sìos bho 1.5% anns an Lùnastal. 'S e prìsean cumhachd agus bìdh nas ìsle as coireach gu ìre mhòir. Thuit an RPI, a tha a' gabhail a-steach mhorgaidsean cuideachd. Bha sin sìos gu 2.3% bho 2.4%. Tha beachd ann gu bheil an naidheachd ga dhèanamh nas ao-coltaiche a-nis gun tig àrdachadh san aithghearrachd air ìre an rèidh.

Bàt-aiseig

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil ceistean mòra ri rèiteach fhathast mu bhàt-aiseig ùr Steòrnabhaigh 's Ulapul, an MV Loch Seaforth. Tha a' bhuidheann CMAL air dearbhadh gur ann an urra riuthasan a tha am bàta a-nis. Bha dragh ann mu na dh'èireadh dhi, agus trioblaid airgid aig a' ghàradh shoithichean a tha ga togail anns a' Ghearmailt. Tha a' Chomhairle ag ràdh gur e faochadh a tha sin, ach nach eil e soilleir dè thachras nuair a thig i, 's gun Cala Steòrnabhaigh deiseil dhi. Tha ceist ann cuideachd mu na thachras do sheirbheis bathair nan eilean, nuair a theirgeas cùmhnant a' Chlipper Ranger an ceann beagan sheachdainnean.

Ebola

Tha fear-meidigeach a bha ag obair dhan UN 's a fhuair Ebola air taobh siar Afraga air bàsachadh san ospadal sa Ghearmailt. Bha an duine air an treasamh euslainteach a fhuair cobhair air a shon anns an dùthaich. Agus bho an-diugh thèid daoine a tha a' dol tro Therminal 1 aig Port-adhair Heathrow fo sgrùdadh airson Ebola. Tha dùil gun tèid na sgrùdaidhean a leudachadh gu terminalan eile, gu Port-adhair Ghatwick agus gu stèiseanan Eurostar ro dheireadh na seachdaine seo tighinn.

Catalonia

Cha tèid referendum air neo-eisimeileachd Chatalonia air adhart an ath-mhìos. Leig ceannard na sgìre, Artur Mas, fhaicinn gun robhas air a' phlana a leigeil seachad, ach gun tèid co-chomhairleachadh saoranachd a chumail na àite - rud nach leigeadh a leas cead bho Riaghaltas na Spàinne. Tha Cùirt Bun-reachd na Spàinne air riaghladh gum biodh referendum air neo-eisimeileachd ann an Catalonia mì-laghail.

Cuòtathan Rionnaich

Tha iasgairean feargach air fàilte a chur air aonta fo an gabh cuid de chuòtathan rionnaich a ghlèidheadh chun na h-ath-bhliadhna. Chaidh aontachadh le Comhairle Iasgach na h-Eòrpa an-raoir leigeil le iasgairean suas ri cairteal den chuòta aca a ghiùlain leotha chun na h-ath-bhliadhna, ri linn casg-mhalairt anns an Ruis. Tha dùil gu bheil seo a' ciallachadh nach tèid iasg a ghlacadh gun adhbhar.