Dragh mu shalachar air Beinn MacDuibh
- Published
Tha na tha de shalachar dhaonna ga fhàgail air mullach Beinn MacDuibh anns a' Mhonadh Ruadh a' cur dragh air na buidhnean carthannais leis a bheil i.
'S e Beinn MacDuibh an dàrna beinn as àirde ann am Breatainn.
Ach tha Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) agus Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS) ag ràdh gu bheil salachar air a lorg fiù 's ann an seann tobhtaichean air a' bheinn far am bi daoine a' gabhail fasgadh ann an droch shìde.
Dh'iarr iad air luchd-coiseachd gun a dhol dhan taigh-bheag air a' bheinn, ach ma dh'fheumas iad, an salachar aca a thiodhlacadh gus nach mill e a' bheinn do chàch.
Thuirt Jeremy Roberts, a tha na mhanaidsear air Tèarmann Obar Nithidh an RSPB, a tha a' gabhail a-steach pìos den bheinn: "Ghuidhinn air a h-uile duine a thig chun na beinne spèis a thoirt dhan àite mhìorbhailleach seo, agus an giùlain fhèin gu dòigheil.
"Fagadh sibh a' bheinn mar a dh'iarradh sibh a lorg.
"'S e àrainneachd air leth cugallach a th' ann, agus tha an leithid seo de dhol-a-mach a' milleadh na beinne don fheadhainn a thig thuice".
Tha pìos den bheinn cuideachd air Oighreachd Loidse Mhàrr, a tha leis an NTS. Thuirt Peter Holden, a tha na mhaor air an oighreachd, nach gabhar ris an "dol-a-mach mhì-shòisealta".
"Lorgar cuid den àrainneachd as iomallaiche agus as glana a th' againn air na mullaichean. Tha iad am measg nan làraichean as dùbhlannaiche airson luchd-tadhail, agus luchd-manaidsearachd.
"Dh'iarramaid air luchd-tadhail a bhith ag amas air a' phrionnsabal "Na Fàg Lorg" agus a bhith a' tiodhlacadh salachar dhaonna air falbh bho chlàr na beinne."
Dh'fhoillsich Comhairle Sreap na h-Alba stiùireadh air mar a bu chòir dèiligeadh ri salachar air a' bhlàr a-muigh o chionn ùine.