Eileanaich a' cluich am Barcelona

Thèid sgioba ball-coise Uibhist is Bharraigh fo aois 17 bliadhna sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Chosta Brava ann am Barcelona Diciadain an dèidh dhaibh faighinn tron bhuidhinn aca.

Cha do chaill iad ach aon gheama san earrainn sin den fharpais.

'S e Anndra MacSuain agus Callum Caimbeul a fhuair na tadhail anns a' gheama aca Dimàirt.

Thèid a' chuairt dheireannach a chluich aig 7:30f Diciadain (an t-àm againne).