"Coimhead a-rithist" ri clàradh chroitean
- Air fhoillseachadh
Tha comhairliche às na h-Eileanan Siar air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an lagh a tha a' toirt air croitearan crìochan nan croitean a chlàradh atharrachadh.
Tha uallach air croitearan a-niste fon lagh crìochan nan croitean aca a chlàradh, rud a dh'fheumas iad a dhèanamh ge b' oil leotha airson leasachaidhean no atharrachaidhean sam bith a dhèanamh air an fhearann aca.
Tha Dòmhnall Crichton, iar-chathraiche Comataidh Leasachaidh Sheasmhaich na Comhairle, ag ràdh nach eil croitearan rèidh ris an t-suidheachadh agus nach eil ann ach cìs eile a chaidh a chur air croitearan an aghaidh an toil.
"Tha an Riaghaltas air faicinn gu bheil tòrr choimhearsnachdan agus chroitearan air a dhol an aghaidh clàradh chroitean, leis gur e cìs a th' ann as ùr air croitearachd, 's chan eil adhbhar sam bith ann airson a leantainn aig an àm a tha seo," thuirt Mgr Crichton.
"Bu chòir do mhinistearan coimhead a-rithist ris a' phoileasaidh seo, agus tha mi a' smaoineachdainn cur às dheth aig an àm a tha seo.
"Chan eil adhbhar sam bith airson an Riaghaltais a tha seo an t-uallach a tha seo a chur air croitearan.
"Ma bha iad ag iarraidh rudeigin a dhèanamh airson croitearachd, chan e cìs ùr a thoirt a-steach a chuireas barrachd uallaich 's a bheir barrachd cosgais dhaibh, 's a bheir dì-misneachadh dhaibh airson a dhol air adhart ann an croitearachd.
"Tha crìochan nan croitean air an clàradh mar thà. 'S e a' cheist a th' agamsa, carson a tha a' chosgais ùr a tha seo a' dol an lùib a' chàraidh a tha seo, agus càite a bheil an t-airgead a th' air a thogail? Càite a bheil an t-airgead sin a' dol?"
Tha Mgr Crichton am beachd na puingean seo a thogail le Ministear an Àiteachais, Pòl Wheelhouse, air an ath-mhìos.