Dàrna Plana Gàidhlig aig UHI

UHI Image copyright Other
Image caption Tha 13 colaistean air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean nam pàirt de UHI.

Dh'fhoillsich Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) an dàrna Plana Gàidhlig aca.

'S e amas a' phlana gum bi barrachd sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig, barrachd chlasaichean Gàidhlig agus barrachd chothroman gu bhith ann a' Ghàidhlig a chleachdadh ann am beatha an oilthighe.

"Tha sinn airson togail air na rinn sinn anns na ceithir bliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt Oifigear Gàidhlig UHI, Joanne Stokes.

"Tha sinn a' dèanamh rudan mar a' conaltradh ri oileanaich, 's ri luchd-obrach agus ris a' mhòr-shluagh anns a' Ghàidhlig, a' cumail oirnn na rudan sin a dhèanamh.

A h-uile àite

"Agus cuideachd a' dèanamh rudan ùra, mar a' cur rudan air dòigh do dh'oileanaich airson fios air ais a thoirt do Ghàidhlig, agus barrachd shusbaint lìn ann do dh'oileanaich anns a' Ghàidhlig.

"Cuideachd a' cur ris na cùrsaichean Gàidhlig a th' againn cuideachd.

"Bidh a h-uile sanas anns an oifis againn ann an Inbhir Nis dà-chànanach.

"Bidh an luchd-obrach a' tighinn a-steach agus a' bruidhinn riut ag ràdh 'feasgar math' no 'madainn mhath' 's a' bruidhinn riut sa Ghàidhlig.

"Agus ma tha thu airson bruidhinn ri cuideigin barrachd sa Ghàidhlig, bidh cuideigin ann airson bruidhinn riut.

"Tha e cudromach plana Gàidhlig a bhith againn air sgàth 's gu bheil e ag innse do dhaoine gu bheil an oilthigh taiceil dhan Ghàidhlig, agus gur e obair a h-uile duine a th' ann a bhith a' cur ris a' Ghàidhlig, chan e dìreach obair Oifigeir Ghàidhlig a-mhàin. Bidh a h-uile duine a' dèanamh rudan airson na Gàidhlig, agus ag obair anns a' Ghàidhlig.

"Bho chaidh a' chiad Phlana Gàidhlig a chruthachadh, tha a' Ghàidhlig gu math follaiseach anns an oilthigh a-niste. Bidh thu a' faicinn shanasan dà-chànanach. Bidh thu a' faighinn litrichean-naidheachd san dà chànan, agus bidh sinn a' cur fiosan-naidheachd a-mach gu na meadhanan gu dà-chànanach.

"Tha i dìreach anns a h-uile àite a-niste.

"Tha fhios againn gu bheil againn ri barrachd a dhèanamh, agus 's e sin a tha sinn airson a dhèanamh. Dìreach gus am bi tòrr a bharrachd rudan anns a' Ghàidhlig.

"An ceann ceithir bliadhna eile, tha mi an dòchas gum bi barrachd chothroman ann do dh'oileanaich beagan Gàidhlig ionnsachadh ma tha iad a' dèanamh cùrsa ann an turasachd, no còcaireachd, no rud sam bith. Bidh cothro ann do dh'oileanaich beagan Gàidhlig ionnsachadh.

"Agus cuideachd seirbheisean fhaighinn sa Ghàidhlig.

"Tha fhios againn nach eil a h-uile oileanach aig a bheil a' Ghàidhlig a' dèanamh cùrsa anns a' Ghàidhlig. Ach tha sinn airson gum bi cothrom aca Gàidhlig a chleachdadh agus Gàidhlig fhaicinn aig an oilthigh," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile