Càineadh air SSE mu phrìsean aig tuath

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Iarraidh am PAG taic na Comhairle, am measg bhuidhnean eile, feuch cur às dhan diofar sa phrìs.

Chaidh càineadh làidir a dhèanamh air a' chompanaidh chumhachd SSE airson prìs nas àirde a chur air luchd-cleachdaidh air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, an coimeas ri sgìrean eile ann an Alba.

Thuirt an Comh. Aonghas MacCarmaig, an cathraiche air Buidheann-Ghnìomha Bochdainn nan Eilean (PAG), gun robh e maslach gu bheil SSE a' cur cìs dà sgillin a bharrachd air gach aonad chumhachd a tha daoine a' cleachdadh aig tuath agus mun iar.

Tha bochdainn connaidh nan eilean, thuirt e, faisg air a thrì uiread nas miosa na tha e gu nàiseanta.

"'S e masladh nàiseanta a tha seo. Tha figearan bochdainn connaidh nan Eilean Siar nas àirde na àite eile an Alba, aig 71% an coimeas ri 27% sa bhitheantas ann an Alba," thuirt Mgr MacCarmaig.

"Bheireadh lùghdachadh 2sg air gach aonad chumhachd buaidh mhòr air bochdainn connaidh.

"Shàbhaileadh neach-cleachdaidh a bha a' cleachdadh 1500 aonad gach bliadhna £300.

"Tha am PAG ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba seo a rèiteachadh gu h-aithghearr.

"Siridh a' bhuidheann taic na Comhairle, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, agus a' Chom-pàirteachais Dhealbhachaidh Choimhearsnachd gus ìmpidh a chur air an Riaghaltas cur às dhan chìs nàireil seo sa bhad.

"Ciamar a dh'fhaodas SSE a ràdh gu bheil cogais shòisealta sam bith aca nuair a tha iad an sàs ann a bhith a' cruthachadh bochdainn connaidh?"

Thuirt labhraiche bho SSE gur iad luchd-stiùiridh lìbhrichidh an lìonra - pàirt eile de bhuidhinn SSE sa Cheann a Tuath - a bhios a' stèidheachadh nan cosgaisean a tha seo.

Thuirt SSE gum b' fheàrr leotha an aon chosgais a bhith ann dhan luchd-cleachdaidh aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte is gu bheil iad air sin a thogail le Ùghdarras na Farpais is nam Margaidhean.