Ceisteachain gu croitearan

Croitear
Image caption Feumar na ceisteachain a lìonadh agus a thilleadh ron 16mh là den Fhaoilleach.

Tha Coimisean na Croitearachd a' tòiseachadh pròiseict rannsachaidh mhòir agus iad a' cur cheisteachan a-mach gu còrr air 18,000 croit.

Tha iad an dòchas dealbh soilleir fhaighinn air staid na croitearachd, air feadh na dùthcha.

Tha an Coimisean an dòchas gun teid fiosrachadh cudromach a chruinneachadh bhon rannsachadh seo a chuidicheas iad le bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean freagarach a bheir stiùir dhan Riaghaltas Albannach agus ùghdarrasan eile ann a bhith a' glèidheadh na dòigh-beatha traidiseanta.

Tha iad cuideachd airson taisbeanadh cho cudromach 's a tha croitearachd san là a th' ann, chan ann a-mhàin dhan eaconamaidh ach cuideachd mar dhòigh air coimhearsnachdan dùthchail a chumail a dol.

Thèid ceisteachan a chur a-mach gu gach tè den 18,000 croit a th' ann an Alba, agus tha dleastanas laghail air croitearan an lìonandh 's an tilleadh ron 16mh là den Fhaoilleach 2015.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile