Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich

  • Air fhoillseachadh
Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich
Fo-thiotal an deilbh,
'S i Eilidh NicCarmaig agus Aonghas MacLeòid a thog na Buinn Òra.

Chaidh Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis.

Ann am Farpais nam Ban, 's i Eilidh NicCarmaig à Port Rìgh a bhuanaich, le comharra 733.

San dàrna àite bha Ceitlin L R Smith às Eilean Leòdhais, a fhuair 725.

San treas àite, bha Ainsley Hamil às Càrdanros, a fhuair 724.

Agus anns a' cheathramh àite bha Isabel NicLeòid, à Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, a fhuair 719.

Ann am Farpais nam Fear, 's e Aonghas MacLeòid às Inbhir Nis a bhuanaich, le comharra 733.

San dàrna àite bha Dòmhnall-Iain MacIlleDhuinn à Glaschu, a fhuair 725.

San treas àite, bha John Howieson às an Eilean Sgitheanach, a fhuair 715.

Agus sa cheathramh àite bha Iain Gordon às Inbhir Narrann, a fhuair 705.