Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:45m

16 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Bonn Òir

Tha farpais nam Bonn Òra aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis seachad. Ann am farpais nam ban, 's i Eilidh NicCarmaig à Port Rìgh a shoirbhich aig aois dìreach 18. Agus am measg nam fireannach 's e Aonaghas MacLeòid às Inbhir Nis a bhuanaich. Tha cuairt dheireannach an t-Seann Nòis ann an-diugh cuideachd, agus tha an fharpais a tha sin a' tòiseachadh aig 7:30f a-nochd. Chaidh duais an Aigealan Airgid a thoirt seachad an-raoir.

Lockhart

Ann an naidheachdan eile chaidh binn beatha sa phrìosan de co-dhiù 25 bliadhna a chur air Garry Lockhart, fireannach à Bonnyrigg, a chaidh a dhiteadh airson a bhean agus am balach beag aca a mharbhadh anns an Dùbhlachd an-uiridh. Bha an leanabh dà bhliadhna de dh'aois. Chaidh a' bhinn a chur air aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann an-diugh, agus thuirt an t-Siorram gun robh na rinn e "borb dha-rìribh".

Ebola

Chan eil e coltach gun sgap Ebola air feadh dùthchannan an iar, leis gu bheil na siostaman slàinte aca cho làidir. Tha sin a rèir Buidheann Slàinte na Cruinne. Dh'iarr Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte gum biodh luchd-obrach meidigeach nas mionaidiche a thaobh na tha iad a' dèanamh airson feuchainn ri smachd fhaighinn air a' ghalar. Tha an dùthaich a' rannsachadh carson a chaidh cead a thoirt do nurs siubhal air plèana dìreach aon là mus deach dearbhadh gun robh Ebola oirre. Tha oifigich a' feuchainn ri fios a chur gu còrr is 100 duine eile a bha air a' phlèana còmhla rithe. Tha Ebola air bàs a thoirt do chòrr is 4,500 neach gu ruige seo.

Tuilleadh Chumhachdan

Ceithir seachdainnean às dèidh an referendum bidh an t-seann Phrìomhaire Gòrdan Brown os cionn deasbaid ann an Taigh nan Cumantan feasgar an-diugh mu thuilleadh chumhachdan do dh'Alba. Canaidh Mgr Brown gur e pàrlamaid Albannach nas làidire a tha a dhìth, agus gu bheil cumhachdan a bharrachd cudromach airson sin a thoirt gu buil. Bheir Mgr Brown cuideachd ath-chuinge le còrr is 120,000 ainm air seachad do dh'oifigearan na Pàrlamaid, ag iarraidh tuilleadh chumhachdan.

SSE

Bu chòir do riaghaltasan Lunnainn agus Dhùn Èideann toirt air a' chompanaidh chumhachd SSE na prìsean aca atharrachadh, a rèir chomhairliche ann an Leòdhas. Bha Tormod MacLeòid a' bruidhinn às dèidh dha tighinn am follais gu bheil SSE a' cur 2sg a bharrachd air gach aonad dealain airson luchd-cleachdaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an taca ri àite sam bith eile ann an Alba. Thuirt neach-labhairt bho SSE gur iad luchd-stiùiriidh lìbhrigidh an lìonra a tha a' stèidheachadh nan cosgaisean seo, agus gum b' fheàrr leothasan gun robh an aon chosgais ann airson a h-uile duine.