Bonn Òir an t-Seann Nòis
- Air fhoillseachadh

B' iad Ceitlin Nic a' Ghobhainn agus Ruairidh MacCarmaig a bhuainaich an fharpais.
Chaidh cuairt dheireannach farpais Bhuinn Òir an t-Seann Nòis a chumail ann an Inbhir Nis oidhche Ardaoin.
Ann am Farpais nam Ban, b' i Ceitlin Nic a' Ghobhainn às Eilean Leòdhais a bhuanaich, 's i a' faighinn comharra 278.
B' i Ellen NicDhòmhnaill às Inbhir Nis a thàinig san dàrna àite, le 277.
Thàinig Kerrie NicFhionnlaigh às a' Mhanachainn san treas àite, le 276.
Anns a' cheathramh àite bha Karen Elder à Barraigh, le 274.
Ann am Farpais nam Fear, b' e Ruairidh MacCarmaig à Port Rìgh a bhuanaich, le 273.
San dàrna àite bha Neil MacRisnidh à Càrlabhagh, le 271.
San treas àite bha Torcuil MacLeòid à Steòrnabhagh, le 264.
Thàinig Tormod MacLeòid à Càrlabhagh sa cheathramh àite, le 263.