BBC Naidheachdan

Duine a dhìth san Eilean Sgitheanach

Published
image copyrightother
image captionTha John Tough air a bhith a' fulang dementia bho chionn ghoirid.
Tha Poilis na h-Alba a' lorg duine a tha a dhìth anns an Eilean Sgitheanach.
Chaidh Jim Tough, a tha 65, fhaicinn mu dheireadh aig 10:00m Diardaoin.
Bha e air a bhith ann am Port Rìgh air saor-làithean le a theaghlach.
Tha e air a bhith a' fulang le dementia bho choinn ghoirid, agus tha na Poilis a' smaoineachadh gur dòcha gum bi e a' feuchainn ri a shlighe a dhèanamh air ais dhachaigh a Chomar nan Allt.
Tha 5'10" de dh'àirde ann, 's e meadhanach tapaidh, le falt dorcha, 's tha e gu math maol air mullach a chinn.
Bha seacaid dath bàn-bhuidhe air, briogais dhorcha air, agus bha an cù aige còmhla ris, cù dubh, labrador Border Collie Cross.
Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur chun nam Poileas.