Cathraiche ùr air Cùirt an Fhearainn
- Published
Chaidh an Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid QC a stèidheachadh Dihaoine mar chathraiche ùr Chùirt an Fhearainn.
Gabhaidh e àite a' Mhorair McGhie a leig dheth a dhreuchd.
Bha Mgr MacLeòid na leas-chathraiche air a' chùirt bho 2006 agus 's e an deicheamh duine a th' air obair a' chathraiche a ghabhail.
'S e a' chiad chathraiche le Gàidhlig bho chaidh a' chùirt a stèidheachadh ann an 1912.
Sgitheanach
'S ann à Port nan Long anns an Eilean Sgitheanach a tha Mgr MacLeòid, agus tha ceanglaichean aige cuideachd ris na Hearadh.
Thug e a-mach ceum ann an lagh ann an Oilthigh Dhùn Èideann.
'S e am Morair Minginis an tiotal ùr aige.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh