Alba 3-14 Èirinn 2-8

Caman
Image caption Thèid Alba gu Contae an Dúin air thoiseach san t-sreath.

Rinn Alba a' chùis air Èirinn san iomain eadar-nàiseanta 'son a' chiad turais bho 2010 is iad a' soirbheachadh 3-14 (23) gu 2-8 (14) aig Pàirc a' Bhucht.

B' ann bho Ruairidh Dòmhnallach aig Caol Bhòid a thàinig a' chiad tadhal is e a' cur a' bhuill dhan lìon às dèidh do Fhriseal Mac an Tòisich loidhne-dìon nan Èireannach fhosgladh.

Chum Caoimhinn Bartlett à Lòbhat an gnothach a' dol le oidhirpean àrda eadar na puist is ged a fhreagair na h-Èireannaich le tadhal bho Chonor Lehane, bha Alba air thoiseach 1-10 (13) gu 1-3 (6) aig letheach-slighe.

Chuir an Dòmhnallach an dàrna tadhal aige fhèin tràth san dàrna leth, ach rinn Patrick Maher an uair sin an dearbh rud do dh'Èirinn.

Iomchaidh

Bha e iomchaidh gur e Bartlett a chuir an treas tadhal a rinn cinnteach gun dèanadh Alba a' chùis is e fhèin a' crìochnachadh le 16 puingean.

Thèid Alba a-nise a-steach dhan dàrna geama aig Páirc Esler san Iúr ann an Contae an Dúin Disathairne air thoiseach san t-sreath 3-1, is 2 phuing aca 'son buanachadh ann an Inbhir Nis is puing bhònas 'son 2 thadhal a chur. Fhuair na h-Èireannaich iad fhèin puing bhònas air sgàth 's gun do chuir iad dà thadhal cuideachd.

Air an dearbh là sin san Iúr cluichidh boireannaich na h-Alba an aghaidh sgioba thaghte Chontae an Dúin aig 1:00f.

Cluichidh an uair sin na fìr òga às Alba is Èirinn an aghaidh a chèile sa gheama fo 21 aig 3:00f mus cluich na prìomh sgiobaidhean aig 5:00f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile