Cumhachd ùr air Càball a' Chuain Sgìth?

Càball air grunnd na mara
Image caption Tha an càball a dhìth airson leigeil le pròiseactan ath-nuadhachail sna h-Eileanan a dhol air adhart.

Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn cead a thoirt do chompanaidhean eile farpais ri SSE airson càball dealain a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr.

Dh'iarradh e sin, no gun toireadh Coimisean Mhic a' Ghobhainn cumhachdan do Riaghaltas na h-Alba air a' chuspair.

Nochd e aig an deireadh-sheachdain gun tug riaghladair a' chumhachd, Ofgem, cead airson còig ceanglaichean a thogail eadar Breatainn, Èirinn, an Fhraing agus na dùthchannan Lochlannach - ach cha robh guth air ceangal ris na h-eileanan.

"Gu mì-fhortanach tha sinn ann an suidheachadh far nach eil sinne a' dol a dh'fhaighinn ceangail, ach tha sinn a' faicinn cheanglaichean nas fhaide agus nas motha a' tachairt timcheall oirnn," thuirt Mgr MacNèill.

Farpais

"Mar a chì mise e, na ceanglaichean a tha a' tachairt gu h-eadar-nàiseanta, tha iomadach companaidh agus riaghladair air gach taobh an sàs an seo.

"An rud, tha mi a' smaoineachadh, a tha ceàrr againne, anns na h-Eileanan, 's e nach eil seo air fhaicinn ach mar phàirt den lìonra aig SSE, no SHETL.

"Mar sin, chan eil mòran de ghluasad orrasan.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil ceangal a' tighinn eadar Alba 's Nirribhidh. Tha sin 10 uiread nas fhaide na tha gu na h-Eileanan an Iar - ach chan eil a' chosgais an aon rud idir.

"Tha mi a' smaointinn gur e an rud a tha ceàrr, nach eil farpais gu leòr ann. Agus nam biodh tu ann an àite SHETL no SSE, chan eil iarrtas ort an gnothach a dhèanamh saor, air sàilleibh gheibh thusa airgead air ais bho na companaidhean a thig air an ceangal.

"'S e sin bonn na cùise, nach eil an fharpais ann a bu chòir a bhith ann.

"Tha an cumhachd a tha seo aig Riaghaltas Westminster, agus 's ann orrasan gu mì-fhortanach a dh'fheumadh an t-atharrachadh a tha seo tighinn.

"Tha am modal a th' acasan air a bhith aca gu math ceàrr o chionn bhliadhnaichean.

"Tha fhios againn gu bheil e nas daoire do dhaoine anns na taighean aca sna h-eileanan dealan a cheannach na tha e am meadhan Lunnainn no Birmingham no Manchester, na h-àiteachan mar sin.

"Ach cuideachd tha e gu math nas doirbhe agus nas daoire ma tha thu a' cruthachadh dealain ann an àiteachan a tha, mar a tha iadsan ga fhaicinn, iomallach, agus ga reic a-steach gu meadhan a' mhargaidh.

Gluasad

"Chaidh am modal a tha seo a stèidheachadh airson ionadan cumhachd mòra a bhith goirid gu far am biodh sluagh a' fuireach, gus nach biodh cus air a chall nuair a tha iad ga chur o aon cheann dhan cheann eile. Ach tha an suidheachadh a tha seo diofrach.

"Seo far a bheil cumhachd ath-nuadhachail, agus chan eil thu a' taghadh cà' bheil an cumhachd a tha sin.

"Feumaidh tu na clàran a chur, 's na crainn a chur far a bheil a' ghaoth a' sèideadh no far a bheil a' mhuir ag èirigh suas is sìos, no ge b' e dè.

"Agus mar sin tha am modal aca ceàrr. Agus chan eil iadsan a' gluasad air seo. Tha Riaghaltas Westminster gu daingeann air sin, mar a tha iad air a bhith o chionn dhà no trì riaghaltasan a-niste.

"Nan nochdadh seo mar chumhachd ùr do dh'Alba, bhiodh tha mi a' smaointinn iarrtas nas motha ann, agus ged a b' e an aon ghuth a bhiodh ann, bhiodh an guth sin nas motha am measg còig millean na bhiodh e am measg 60 millean.

"Mar sin 's dòcha gu bheil còir coimhead ris ann an dòigh eile, 's gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba cumhachd fhaighinn air seo, gus am faodadh iad a ràdh ri companaidhean eile a bhith a' farpais, feuch am b' urrainn dhaibhsan seo a dhèanamh beagan nas saoire.

"Mar a tha gnothaichean an-dràsta, tha a h-uile sgath ceangailte. Chan eil gluasad ann. Agus an gluasad a dh'fhaodadh tachairt, chan eil an t-iarrtas ann an Westminster airson gun tachradh seo," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile