Comhairlichean gus beachdachadh air taigh-grùdaidh
- Air fhoillseachadh

Beachdaichidh comhairlichean an t-seachdain seo air planaichean gus taigh-grùdaidh a thogail ann an Inbhir Nis.
Tadhlaidh iad air an làraich Dimàirt.
'S iad an teaghlach Eramus, leis a bheil Taigh-òsta a' Ghlinne Mhòir, a th' air cùlaibh a' phlana.
Tha iad airson taigh-grùdaidh, bùth agus gailearaidh ealain a thogail air Sràid Ness Bank, ri taobh na h-aibhne.
Rachadh Bar Nico's air an làraich a leagal gus àite a dhèanamh dhan leasachadh.
Cosnaidhean ùra
Tha an teaghlach air a ràdh gun deadh leann ùr Gàidhealach a dhèanamh agus gum faodadh an leasachadh co-dhiù 12 cosnaidhean a chruthachadh.
Chuir Comataidh Dealbhachaidh a Chinn a Deas dàil air a' cho-dhùnadh roimhe, gus am b' urrainnear tadhail air an làraich.
Tha cuid air gearan mu choltas a' phlana agus mun bhuaidh a bheireadh e air trafaig san sgìre, ach tha oifigearan na Comhairle a' moladh gun tèid cead a thoirt seachad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean 2014