Luchd-obrach rèidiografaidh air stailc

X-ray Image copyright Science Photo Library
Image caption Bha luchd-obrach rèidiografaidh air stailc airson a' chiad turas ann an còrr air 30 bliadhna.

Bha luchd-obrach rèidiografaidh ann an Alba air stailc Diluain airson a' chiad turas ann an còrr air 30 bliadhna.

Bhathas a' toirt taic dha na co-obraichean aca ann an Sasainn, a tha mì-thoilichte nach d' fhuair iad àrdachadh pàighidh a chaidh a mholadh dhaibh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh planaichean aca airson dèanamh cinnteach nach biodh cus buaidh aig an seo air euslaintich.

Tha am bòrd slàinte a' tabhann seirbheisean rèidiografaidh ann an Ospadal an Rathaig Mhòir, anns an Òban, ann an Ospadal Ghallaibh agus anns a' Bhelford sa Ghearasdan.

Seirbheisean

Thuirt am bòrd nach robh e soilleir cia mheud den luchd-obrach a bhiodh a' dol air stailc, 's dùil gum maireadh e ceithir uairean de thìde - eadar 9.00m agus 1.00f.

Thuirt Àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd, Deborah Jones, nach toireadh an stailc buaidh sam bith air euslaintich a th' ann an suidheachaidhean èiginneach, 's gum biodh na seirbheisean a leanas a' dol mar as àbhaist: gath-leigheas aillse, seirbheisean dubhaige, seirbheisean màthaireil agus seirbheisean èiginneach slàinte inntinn.

Thuirt i gun deadh uairean ùra a thoirt do dh'euslaintich sam bith a chailleadh an cothrom na deuchainnean aca fhaotainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile