Cobhair ga dhèanamh air bàta-bathair
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Shetland Coastguard
Thàinig am bàta-slaodaidh èiginneach, an Herakles, à Baile na h-Eaglaise ann an Arcaibh.
Chaidh bàta-slaodaidh nam Maor-cladaich a dhèanamh cobhair air bàta-bathair a bh' air briseadh sa Chaol Arcach.
Bhris einseann an Nicola, a tha 95 meatair de dh'fhaid, feasgair na Sàbaid agus i air siubhal tron Chaol bhon ear chun iar.
Thàinig am bàta-slaodaidh èiginneach, an Herakles, à Baile na h-Eaglaise an Arcaibh an dèidh do sgiobair an Nicola bràth èiginn a chur a-mach mu 10.00f.
Tha am bàta-bathair a-nis ga toirt gu cala Scrabster.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh