Fear an grèim às dèidh meirle aig bùth-gheall

  • Air fhoillseachadh

Thuirt na poilis ann an Inbhir Nis gun do chur iad fear an grèim co-cheangailte ri meirle aig bùth-gheall sa bhaile air a' mhìos a chaidh.

Chaidh còrr is £1,000 a ghoid bho bhùth Ladbrokes air Rathad Bhaile an Loin air an 29mh là den t-Sultain.

Chaidh fear le clogaid motair-baidhsagail a-steach don bhùth mu 9.20f is dh'iarr e airgead bho neach-obrach.

Theich an duine air baidhsagal.

Chaidh aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh