Mìneachadh ga iarraidh air cosgaisean dealain

  • Air fhoillseachadh
Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,
Tha a' Chomhairle a-nis ag iarraidh coinneimh leis a' chompanaidh chumhachd, an dèidh mar a thog Buidheann-Ghnìomha Bochdainn nan Eilean draghan an t-seachdain seo chaidh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air an taic a chur ri iarrtas mìneachadh fhaighinn bho SSE air carson a tha eileanaich is muinntir na Gàidhealtachd a' pàigheadh dà sgillinn a bharrachd airson gach aonad dealain na daoine ann am pàirtean eile den dùthaich.

Tha a' Chomhairle a-nis ag iarraidh coinneamh leis a' chompanaidh chumhachd, an dèidh mar a thog Buidheann-Ghnìomha Bochdainn nan Eilean draghan an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt SSE gur e cosgaisean lìbhrigidh nas àirde as coireach airson an diofar sna prìsean, 's tha iad cuideachd ag ràdh gum b' fheàrr leothasan gum biodh aon chosgais nàiseanta ann, seach cosgaisean sgìreil mar a th' ann an-dràsta.

Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach: "Chan e a-mhàin gu bheil e mì-chothromach, ach tha e mì-choltach cuideachd gu bheil muinntir na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' pàigheadh dà sgillinn a bharrachd gach aonad airson dealain na tha àite sam bith eile ann an Alba."

Ged nach robh daoine mothachail mun t-suidheachadh seo roimhe, thuirt Mgr Dòmhnallach gum feumar a-nis barrachd fiosrachaidh fhaighinn bho SSE, anns a' chiad dol-mach, agus cuideachd bho riaghladair a' chumhachd, Ofgem.

Thuirt e gu bheilear airson 's gum bi Ofgem an làthair aig a' choinneamh, gus an cluinn iadsan cuideachd dè a th' aig SSE ri ràdh.

Tuilleadh chosgaisean

Ged a tha tuilleadh chosgaisean an lùib dealan a chur gu dachaighean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, bheachdaich Mgr Dòmhnallach gum faodadh sin a bhith fìor mu sgìrean eile cuideachd.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil atharrachadh roinneil ann, ach chan eil fhios 'am carson a bhiodh sin gu sònraichte a thaobh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha àiteachan iomallach ann am pàirtean eile den dùthaich cuideachd agus chan eil e a' bualadh orrasan chun na h-aon ìre.

"Chan e a-mhàin gu bheil sinn a' pàigheadh barrachd airson an dealain a tha a' tighinn a-steach, ach ma 's e 's gum biodh leasachadh mòr ann a thaobh chumhachd ath-nuadhachail, bhiodh sinne a' pàigheadh cuideachd air a bhith a' ceangal an connadh sin ris a' Ghriod Nàiseanta," thuirt e.

Tha a' Chomhairle a-nise a' sireadh taic on Riaghaltas, agus bho Ofgem cuideachd.

"Dh'iarradh sinn air Ofgem dèanamh glè chinnteach nach eil rud mì-chothromach a' tachairt ann an seo.

"Tha sinne a' faicinn gu bheil e mì-chothromach 's gum bu chòir dhaibh iarraidh air SSE sin a chur ceart, agus gum bu chòir dhuinn a bhith an ìre mhath co-ionann ris a' chòrr den dùthaich," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Bochdainn connaidh

Thuirt am Fear-gairm cuideachd, mura biodh an dà sgillinn a bharrachd a tha seo ri phàigheadh, gun dèanadh sin eadar-dhealachadh a thaobh bochdainn connaidh sna h-Eileanan.

"Tha mi a' smaoineachadh gun dèanadh e diofar mòr. Tha e a' ciallachadh suas ri 15% de dh'àrdachadh air sgàth 's gu bheil daoine a' fuireach anns a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan agus 's e sùim mhòr a tha sin.

"Thathas a' pàigheadh timcheall air 15 sgillinn gach aonad air connadh an-dràsta anns an fharsaingeachd, agus tha an dà sgillinn mar phàirt den sin.

"Airson cuideigin a tha a' cosg timcheall air £1,000 gach bliadhna air dealan, bhiodh sin a' ciallachadh £150 a bharrachd agus 's e rud cudromach dha-rìribh a tha sin."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh