Bàta ùr a dhìth thar na Linne Slèitich
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr cathraiche comhairle coimhearsnachd Shlèite gun tèid bàt'-aiseig ùr a chur air an Linnidh Shlèitich.
Bha Ruairidh Moireach a' bruidhinn agus CalMac air innse gun tig leudachadh air an t-seirbheis eadar Malaig agus Armadail thar mhìosan a' Gheamhraidh le seirbheis a bharrachd air an oidhche airson cola-deug aig toiseach agus deireadh an t-seusain.
Ged a tha Mgr Moireach a' cur fàilte air sin, tha e ag ràdh gu bheil feum air bàta ùr, 's nach eil an tè a th' ann - MV Coir' Uisg' - freagarrach airson na slighe.
"Tha sinn feumach air bàt'-aiseig ùr co-dhiù airson na seirbheis sin, airson dà adhbhar," thuirt e.
"An tè a th' ann, cha robh i mòr gu leòr airson na tha de thrafaig ag iarraidh a-null 's a-nall am-bliadhna.
"Chan urrainn dhi seòladh air an t-slighe seo ach a-mach tro mhìosan an t-Samhraidh. Tha sin air a thoirmeasg leis an luchd-riaghlaidh.
"Tha sinn an dòchas an ceann sreath gum faigh sinn bàta a bhios freagarrach airson a bhith ag obrachadh na slighe seo, fad na bliadhna, chan ann a-mhàin tro mhìosan an t-Samhraidh, agus bàta a bhios comasach air sin a dhènamh," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 22 An Dàmhair 2014