Am Morair Mac a' Ghobhainn a' tighinn a dh'Inbhir Nis

Pàrlamaid na h-Alba
Image caption Tha na còig pàrtaidhean aig Holyrood mar-thà air beachdan a chur gu Coimisean Mhic a' Ghobhainn.

Thèid beachdan a shireadh bho luchd-gnìomhachais bho air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean air barrachd fèin-riaghlaidh do dh'Alba, agus Cathraiche Choimisein Mhic a' Ghobhainn a' tadhail air Inbhir Nis an ath-sheachdain.

Às dèidh an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba, dh'iarr am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, air am Morair Mac a' Ghobhainn còmhraidhean thar-phàrtaidh a chumail air dè na cumhachdan a bharrachd a bu chòir a dhol gu Holyrood, ann an oidhirp Pàrlamaid na h-Alba a neartachadh.

Chuir an dà chuid pàrtaidhean an Aonaidh agus na pàrtaidhean airson neo-eisimeileachd am beachdan agus an riochdairean chun a' choimisein mar-thà, le gach pàrtaidh a' gealltainn a bhith ag obair gu h-èasgaidh is gu h-onarach leis a' chomisean.

Dimàirt, an 28mh là den Dàmhair, thig am Morair Mac a' Ghobhainn a dh'Inbhir Nis, far an cluinn e beachdan bho luchd-gnìomhachais na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Atharrachadh

Thuirt Fraser Grieve, stiùiriche Comhairle na h-Alba airson Leasachadh agus Gnìomhachais air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan, gu bheil an turas seo gu math cudromach.

An dèidh dha na h-uimhir de dhaoine clàradh airson bhòtadh san referendum, thuirt e gun robh e soilleir gun robh daoine airson 's gun tig atharrachadh.

Thuirt e gu bheil e fìor chudromach gun tèid dìorrasachd dhaoine a ghlacadh ann an aithisg a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn, 's gum faigh daoine na atharrachaidhean a thathar ag iarraidh.

Tha dùil gun tèid na molaidhean a thig às na còmhraidhean air fad fhoillseachadh ro dheireadh na h-ath-mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo