Cobhair ga shireadh mu Chàball a' Chuain Sgìth

Càball air grunnd na mara
Image caption Thathas air a bhith ag iomairt airson a' chàbaill o chionn còrr is 12 bliadhna.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air sgrìobhadh gu Prìomhaire Bhreatainn is Prìomh Mhinistear na h-Alba ag iarraidh orra gu pearsanta a dhol an sàs san dàil a th' ann a bhith a' cur Càball a' Chuain Sgìth an sàs.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil e an-fhoiseil gu bheil Ofgem a' coimhead air cabàllan gu dùthchannan Eòrpach eile seach cumhachd ath-nuadhachail a bhrosnachadh san rìoghachd seo fhèin.

Tha seo a' tighinn an dèidh mar a tharraing aon chompanaidh a bha am beachd tuath-gaoithe a thogail ann an Leòdhas a-mach às an leasachadh, 's iad ag ràdh nach robh e comasach dhaibh ri linn nan cnapan-starra air a' chàball.

"Tha còrr air 12 bliadhna a-niste bho thòisich sinn ag iomairt airson a' chàbaill agus a' cheangail a tha seo ri Tìr-Mòr, agus ged a tha sinn a' fàs nas fhaisge air, a-rithist 's a-rithist tha cnapan-starra gan cuir mu choinneimh nan companaidhean a th' airson na leasachaidhean a tha seo a dhèanamh," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

Cnapan-starra

"Tha sinn an dòchas gun toir gach cuid am Prìomhaire agus am Prìomh Mhinistear air Ofgem agus SHET - companaidh le SSE a tha an urra ris an lìonra agus an griod a thoirt dha na h-Eileanan agus ceann a tuath na h-Alba - seo a thoirt air adhart.

"Tha sinn air a bhith a' dèiligeadh ri ministearan gach cuid ann an Dùn Èideann agus ann an Lunnainn thairis air na bliadhnaichean, agus tha sinn a' faicinn barrachd is barrachd gu bheil iad a' cur chnapan-starra.

"'S e an eagal a th' oirnn gu dèan tuilleadh de na companaidhean a th' airson leasachaidhean a thoirt air adhart co-dhùnadh gum biodh iad na b' fheàrr a dhol a bhadeigin eile agus gu bheil na h-Eileanan a' dol a chall a-mach air cothrom sònraichte.

"Thathas a' bruidhinn air leasachaidhean luach faisg air £2bn anns na h-Eileanan, agus ma 's e 's gun deadh na rudan sin a chall, 's e rud mì-choltach a bhiodh ann.

"Tha an Riaghaltas a-niste a' coimhead ri ceangal a dhèanamh ris an Fhraing, 's ri Èirinn, 's an Nirribhidh 's an Danmhairg, agus tha sinn a' faicinn gu bheil sin a-rithist mì-choltach nuair nach urrainn dhuinn ceangal a dhèanamh eadar na h-eileanan anns an Rìoghachd Aonaichte ri Tìr-Mòr airson na pròiseactan a tha seo a thoirt air adhart," thuirt e.

Dìmeas

Tha a' Chomhairle cuideachd air sgrìobhadh gu Coimisean na h-Eòrpa, ag iarraidh soilleireachadh air mar a chaidh dèiligeadh ris a' chùis.

"Tha sinn airson 's gun coimhead an Coimisean Eòrpach ris na th' air tachairt, agus dearbhadh a dhèanamh a bheileas a' dèanamh dìmeas air muinntir nan Eilean," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha an Roinn Eòrpa ga dhèanamh soilleir, chan e a-mhàin nach bu chòir a bhith a' dèanamh dìmeas air muinntir nan Eilean, ach gum bu chòir a bhith a' coimhead ri suidheachadh eileanach mar rud sònraichte far am bu chòir cuid de na cnapan-starra seo 's dòcha a bhith air an cur an dàrna taobh airson leasachadh a thoirt air adhart.

"Thathas a' gabhail ris gu bheil e nas doirbhe, a bhith a' toirt leasachaidh den t-seòrsa seo air adhart ann an eilean beag air iomall dùthcha, agus tha iad a' coimhead ris gun coimhead na rìoghachdan ris ann an dòigh tòrr nas bàidheile na àiteachan eile.

"Tha sinne a' smaoineachadh co-dhiù gu bheileas a' dèanamh a' cheart aghaidh sin, leis an t-suidheachadh a tha seo, agus a' cur ann barrachd chnapan-starra airson nan companaidhean a th' airson na leasachaidhean a tha seo a thoirt air adhart," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile