Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coimisean Mhic a' Ghobhainn

Tha Coimiean Mhic a' Ghobhainn a' coinneachadh ri riochdairean bho na còig pàrtaidhean ann an Holyrood an-diugh a bhruidhinn air dè na cumhachdan ùra a gheibh Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh an coimisean, fo smachd Mhorair Mhic a' Ghobhainn Khelvin, a chur air bhonn an dèidh referendum neo-eisimeileachd na h-Alba air a' mhìos a chaidh. Tha dùil ri aithisg bhon choimisean air an ath-mhìos.

Leas-Cheannas an SNP

Tha pàipearan baileat a' dol a-mach an-diugh airson taghadh Leas-Cheannard an SNP. Tha a' bhòt aig ballrachd na pàrtaidh gu lèir, agus nam measg feadhainn a chaidh dhan SNP an dèidh an referendum. Tha triùir a' seasamh airson dreuchd Nicola Sturgeon, 's iadsan Keith Brown agus Angela Constance, a tha nam buill ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus Stuart Hosie a tha na bhall ann an Westminster. Thèid co-dhùnadh na bhòta ainmeachadh aig co-labhairt an SNP air an ath-mhìos.

Bàs is Leòn air na Rathaidean

Thàinig lùghdachadh 10% air an àireimh de bhàs agus leòn air rathaidean na h-Alba. Thuirt Còmhdhail Alba gun robh an àireamh ann an 2013 air an àireamh as lugha bho thòisich clàradh. Chaidh 11,500 duine a leòn, ach thuit an àireamh a chaill am beatha gu 172.

Ceannairc

Chuir Poilis boireannach a tha 25 bliadhna de dh'aois an grèim ann am Bedfordshire fo amharas mu cheannairc. Tha iad a' rannsachadh cuideachd aig dà dhachaigh san sgìre. Thuirt Scotland Yard gu bheil an rannsachadh stèidhichte air tachartasan ann an Siria.

Fiona Woolf

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil làn-earbsa aca san tè-lagha a bhios os cionn rannsachaidh mu dhrabastachd chloinne, ged a tha feadhainn ag ràdh gu bheil ceanglaichean ro dhlùth aice ri ùghdarras. Dh'innis Fiona Woolf, Àrd-Mhorair Lunnainn, nach eil ceanglaichean dlùth sam bith ris a' Mhorair Brittan. Tha am Morair Brittan a' dol às àicheadh gun do chuir esan am falach casaidean mu dhrabastachd chloinne nuair a bha e na Rùnaire Dùthcha.

Càball a' Chuain Sgìth

Chuir Comhairle nan Eilean Siar litir gu Prìomhaire Bhreatainn agus gu Prìomh Mhinistear na h-Alba ag iarraidh orra a dhol an sàs gu pearsanta san dàil a th' ann a bhith a' cur càball mhòir dhealain eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr. Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gur e adhbhar dragh a th' ann gu bheil an riaghladair chumhachd Ofgem a' dèanamh cheanglaichean ri dùthchannan Eòrpach eile seach a bhith a' brosnachadh chumhachd ath-nuadhachail anns an dùthaich seo.