Ciad chòmhraidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn
- Air fhoillseachadh

Bidh còmhraidhean ann an Dùn Èideann Diciadain air dè na cumhachdan ùra a ghluaiseas à Westminster gu Pàrlamaid na h-Alba.
Bidh Coimisean Mhic a' Ghobhainn a' coinneachadh ri riochdairean nan còig pàrtaidhean poileataigeach aig a bheil buill ann an Holyrood.
Bithear a' feuchainn ri rèite a ruighinn, eadar na pàrtaidhean, air na cumhachdan a bharrachd a dh'iarradh iadsan dhan Phàrlamaid.
Chaidh an coimisean, fo smachd Mhorair Mhic a' Ghobhainn Khelvin, a chur air bhonn leis a' Phrìomhaire an dèidh referendum neo-eisimeileachd na h-Alba air a' mhìos seo chaidh.
Tha dùil ri aithisg bhon Choimisean ro dheireadh na h-ath-mhìos.
Gealladh
'S ann ri linn a' gheallaidh a rinn ceannardan phàrtaidhean an Aonaidh - Daibhidh Camshron, Ed Miliband agus Nick Clegg - ron referendum air neo-eisimeileachd, a tha na còmhraidhean seo a' tòiseachadh.
Gheall iad gum biodh cumhachdan susbainteach is ùr aig Pàrlamaid na h-Alba, nam measg, smachd air cìsean agus air sochairean sòisealta, nam bhòtadh Alba an aghaidh neo-eisimeileachd.
Ach tha molaidhean gu math eadar-dhealaichte aig gach taobh sna còmhraidhean thar-phàrtaidh, mar phàirt den Choimisean.
Tha na Nàiseantaich ag iarraidh gun tèid a h-uile cìs a chosg aig Holyrood agus tha grunn bheachdan eadar-dhealaichte aig pàrtaidhean an Aonaidh nach eil a' dol cho fada sin, ach a tha fhathast caran eadar-dhealaichte bho chèile.
Riochairean
Bidh dithis a' riochdachadh gach pàrtaidh phoileataigich aig a bheil buill ann an Holyrood:
- 'S iad Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, agus Linda Fabiani BPA a tha a' riochdachadh an SNP.
- Tha Pàrtaidh Làbarach na h-Alba air labhraiche ionmhais a' phàrtaidh, Iain Gray BPA, agus ministear dùbhlanach Roinn na h-Obrach agus nam Peinnseanan, Gregg McClymont BP, a chur air adhart.
- Bidh seann cheannard Phàrtaidh Tòraidhich an Alba, Annabel Goldie, a' riochdachadh a' phàrtaidh, cuide ri Adam Tomkins, a tha na phroifeasair aig Oilthigh Ghlaschu.
- A' bruidhinn às leth Pàrtaidh Libearalich Dheamocrataich na h-Alba, bidh Mìcheal Moore BP agus Tavish Scott BPA, a bha roimhe na cheannard air a' phàrtaidh ann an Holyrood.
- Bheir ceannard a' Phàrtaidh Uaine, Patrick Harvie BPA, seachad a bheachdan cuide ris a' chomhairliche Maggie Chapman.
'S ann air a' Mhorair Mac a' Ghobhainn a bhios an uallach aonta fhaighinn eadar na pàrtaidhean uile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 13 An Dàmhair 2014
- 22 An Dàmhair 2014