Molaidhean ùra airson tuathanasan-èisg

Tuathanas èisg
Image caption Tha companaidh à Sealtainn a' sireadh cead airson 10 cèidsichean a chur ann an dà làraich ann an Loch Èiseort.

Tha beachdan mhuinntir Shlèite gan sireadh air molaidhean airson dà thuathanas-èisg a togail san sgìre.

Tha companaidh à Sealtainn a' sireadh cead airson 10 cèidsichean a chur ann an dà làraich ann an Loch Èiseort.

Chan e seo a' chiad turas a dh'fheuch Hjaltland Seafarms Earranta cead fhaighinn airson tuathanas èisg.

Chaidh an t-iarrtas aca airson leasachadh ann an Loch Shlaopain a dhiùltadh as t-Samhradh.

Loch Èiseort

Tha Hjaltland Seafarms Earranta a' sireadh cead airson 10 cèidsichean, anns a bheil meud 120 meatair cruinn, a chur aig dà làraich ann an Loch Èiseort - tè eadar Tocabhaig agus Tarsgabhaig, agus tè eile aig a' Chàrn Dearg air taobh tuath na locha.

Chan eil fios fhathast dè an t-seasamh oifigeil a ghabhas Comhairle Coimhearsnachd Shlèite.

Thuirt cathraiche na buidhne, Ruairidh Moireach: "Bha aon iarrtas ann mar-thà agus tha Comhairle na Gàidhealtachd air sin a dhiùltadh.

"Tha dà iarrtas eile air tighinn a-steach a-nise agus 's e a tha sinne a' dèanamh, a' toirt cothrom dhan mhòr-shluagh na beachdan a th' aca a thoirt dhuinne.

"'S iad sin na beachdan a thèid air adhart gu Comhairle na Gàidhealtachd."

Eòlaichean

Dh'innis Mgr Moireach gum biodh eòlaichean an làthair aig na coinneamhan gus beachdan a thoirt air a' bhuaidh a bheireadh na tuathanasan-èisg air an àrainneachd, air a' chladach, agus air a' mhuir.

"Tha iasgairean a' cleachdadh a' chladaich a tha seo fad na tìde. Tha sinn gam faicinn a h-uile là, a-muigh a' togail nan cliabh.

"Feumaidh sinn beachd a ghabhail air dè a' bhuaidh a bhios aig na tuathanasan-èisg a tha seo, no am bi buaidh idir aca, air gnìomhachas nan daoine sin," thuirt Mgr Moireach.

Is coltach gum bi argamaidean làidir air gach taobh agus, ri linn sin, tha a' Chomhairle Coimhearsnachd airson na 's urrainn dhaibh de dh'fhiosrachadh a chur fa chomhair an t-sluaigh mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh.

"Tha dà thaobh air a h-uile sgeulachd," thuirt Mgr Moireach.

Cothromachadh

"Tha tuathanachas-èisg na ghnìomhachas mòr, mòr ann an Alba a-nise agus tha e a' cur gu mòr ri teachd-a-steach na rìoghachd. Tha sin a' dèanamh feum mhòir; tha e a' toirt obraichean do dhaoine agus a' cur ri ionmhas iomadach sgìre.

"Air an làimh eile, tha gnìomhachasan a th' againn mar-thà - mar a tha iasgairean clèibhe timcheall an seo - a tha a' dèanamh bith-beò dhaibh fhèin agus dhan fheadhainn a tha còmhla riutha air na bàtaichean.

"Feumaidh sinn cothromachadh a dhèanamh eadar an dà chuid," thuirt e.

Tha chun an 17mh là den t-Samhain aig a' phoball ri beachd a chur chun na Comhairle air an leasachadh a thathar a' moladh eadar Tocabhaig 's Tarscabhaig agus bi cothrom ann fhathast beachd a thoirt air an dàrna leasachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile