Muir
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gonzalo a' dèanamh buaireadh an Alba

22 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'adhbharaich gèiltean làidir troimh-a-chèile air feadh na rìoghachd Dimàirt an uair a thàinig na bh' air fhàgail do Hurricane Gonzalo gu tìr.

Bha cuid de dhrochaidean na dùthcha dùinte, agus chaidh mòran de sheirbheisean ChalMac a chur dheth - a' mhòr-chuid dhiubh air a' Chosta an Iar.