Pàipearan-baileat gan sgaoileadh
- Published
Tha pàipearan-baileat gan cur a-mach Diciadain airson an taghadh airson Leas-Cheannard an SNP.
Tha cead aig na deichean mhìltean dhaoine bhòtadh san taghadh, nam measg mòran a th' air ballrachd a ghabhail sa phàrtaidh bho bha an referendum ann.
Tha triùir a' seasamh airson dreuchd Nicola Sturgeon. 'S iadsan Keith Brown agus Angela Constance a tha nam buill ann am Parlamaid na h-Alba, agus Stewart Hosie a tha na bhall ann an Westminster.
Thèid co-dhùnadh na bhòta ainmeachadh aig co-labhairt an SNP air an ath-mhìos.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh