Coimisein Mhic a' Ghobhainn: Coinneamh 'adhartach'

Buill a' Choimisein Image copyright PA
Image caption Tha Coimisean Mhic a' Ghobhainn a' feuchainn ri aonta a lorg am measg nan còig phàrtaidhean poileataigeach aig a bheil buill ann an Holyrood.

Chaidh a' chiad làn-choinneamh den choimisean aig a' Mhorair Mhac a' Ghobhainn Khelvin air cumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba a chumail an Dùn Eideann Diciadain.

Tha Coimisean Mhic a' Ghobhainn a' feuchainn ri aonta a lorg am measg nan còig phàrtaidhean poileataigeach aig a bheil buill ann an Holyrood.

Thuirt am Morair Mac a' Ghobhainn gun robh riochdairean bho phrìomh phàrtaidhean poileataigeach na h-Alba air "aontachadh obrachadh còmhla gus buil dheimhinneach a ruighinn".

Tha an SNP, na Làbaraich, na Tòraidhean, na Lib-Deamaich agus na h-Uainich mar-thà air planaichean fèin-riaghlaidh fhoillseachadh.

Tha dùil ri aithisg bhon Choimisean ro dheireadh na h-ath-mhìos.

Aonta

Le astar eadar nam pàrtaidhean poileataigeach a thaobh nan cumhachdan a tha iad uile a' smaointinn a bu chòir a thighinn a dh'Alba, chan eil e soilleir dè cho luath 's a thèid aca air aonta a ruighinn eatorra.

An dèidh na ciad choinneimh slàn, thuirt an Coimisean gun deach sreath de phrionnsapalan aontachadh airson chòmhraidhean thar-phàrtaidh, ach nach deadh aontaidhean mu phoileasaidhean sam bith fhoillseachadh gus an deadh beachdachadh air beachdan a' phobaill.

Chaidh aontachadh aig a' choinneimh nach fheumadh toradh nan còmhraidhean seo a bhith an eisimeil co-dhùnadh chòmhraidhean poileataigeach sam bith eile sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Image caption Thuirt am Morair Mac a' Ghobhainn gun robh na còmhraidhean air a bhith adhartach is feumail.

Thuirt am Morair Mac a' Ghobhainn gun robh na còmhraidhean air a bhith adhartach is feumail, agus gun robh na pàrtaidhean uile ann an deagh rùn.

A thuilleadh air an sin, thuirt e gun robh tomhas de dh'aonta am measg nam pàrtaidhean, 's gu bheil aonta san fharsaingeachd ann air cùisean bun-reachdail.

Cuide ri beachdan nam pàrtaidhean poileataigeach, tha an Coimisean cuideachd air beachdan fhaighinn bho bhuidhnean agus eaglaisean air feadh Alba, a bharrachd air an 6,000 neach a thill an cuid bheachdan thuca air post-d.

Mar sin, tha farsaingeachd de bheachdan ri thomhas nuair a thathas a' coimhead ri cumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba.

Feumar a-nis aonta a ruighinn ro dheireadh na h-ath-mhìos, ma 's e agus gu bheil iad a' dol a chumail ris a' chlàr-ama a chaidh aontachadh roimhe.

Deagh rùn

Bha buill nam pàrtaidhean cuideachd glè dhòchasach a' dol a-steach dhan choinneimh.

Thuirt Patrick Harvie bho Phàrtaidh Uaine na h-Alba gur e seo a' chiad chothrom a bh' aig na pàrtaidhean, agus aig muinntir na h-Alba, faicinn dè dìreach cho fosgailte 's a tha na diofar phàrtaidhean poileataigeach ann an Alba a thaobh a bhith ag obair le chèile gus aonta a lorg nam measg.

Image copyright PA
Image caption Bha buill nam pàrtaidhean cuideachd glè dhòchasach a' dol a-steach dhan choinneimh.

Thuirt e gu bheil esan dòchasach gu bheil iad uile a' tighinn a dh'ionnsaigh na coinneimh seo ann an deagh shunnd, le beachd adhartas a dhèanamh.

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Iain Swinney, gun robh na Nàiseantaich a' tighinn a dh'ionnsaigh na coinneimh le deagh rùn agus dòchas gun tèid Pàrlamaid na h-Alba a neartachadh ri linn na h-obrach ris am bi an Coimisean a tha seo.

Thuirt e cuideachd gun robh iad airson dèanamh cinnteach gun tèid na chaidh a ghealltainn le pàrtaidhean an Aonaidh ron referndum air neo-eisimeileachd na h-Alba a choileanadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile