Sìneadh subsadaidh ga iarraidh

Càball air grunnd na mara
Image caption Tha dàil mòr agus àrdachadh cosgais air tighinn air a' Chàball.

Tha Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, air dùbhlan a chur ro Riaghaltas Bhreatainn cinnt a thoirt do luchd-leasachaidh chumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar gun tèid an ùine a gheibh iad subsadaidh a shìneadh a-mach.

Tha seo às dèidh do Cheannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, sreath de litirichean a chur air falbh a' gearain gu bheil riaghladair a' chumhachd Ofgem, agus riaghailtean Riaghaltas Bhreatainn a' cur casg air leasachadh chumhachd sna h-Eileanan.

Chan urrainnear cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh sna h-Eileanan gun Càball a' Chuain Sgìth a bhith an sàs, a bheir an cumhachd a nithear san sgìre gu Tìr Mòr agus an Griod Nàiseanta.

Sgriobh Mgr Caimbeul chun a' Phrìomhaire Daibhidh Camshroin, am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond, agus gu Roinn Chumhachd an Aonaidh Eòrpaich, ag ràdh gu bheil dol-a-mach SHE Transmission agus Ofgem a' dèanamh leth-breith air na h-Eileanan.

Taobh nan Eilean

Tha e ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatain agus an AE a dhol an sàs, no gun caill na h-Eileanan an cothrom as fheàrr a th' aca piseach a thoirt air an eaconamaidh.

Thuirt Mgr Ewing gun robh e a' cur a làn-thaic ri Mgr Caimbeul, agus ged a tha e teagmhach gun tig freagairt aithghearr às an Roinn Eòrpa, gum bu choir Riaghaltas Bhreatain a dhol an sàs sa mhionaid.

Thuirt e gum faodadh iad an subsadaidh a tha iad a' cur ri cumhachd-ath nuadhachail sna h-Eileanan a shìneadh nas fhaide na 2019, o chionn 's nach bi càil deiseil an uair sin.

Thuirt e gum feum Seòras Osborne agus Danny Alexander dearbhadh gu bheil iad air taobh nan Eilean.

Thuirt e gun robh e iongantach mar a bha Riaghaltas Bhreatainn air aontachadh còig ceanglaichean dealain a dhèanamh ri dùthchannan eile san Roinn Eòrpa san t-seachdain mu dheireadh gun ghuth air ceangail a dhèanamh ris na h-Eileanan far an robh pailteas chumhachd ath-nuadhachail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile