Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tesco

Bidh Cathraiche Tesco, Sir Richard Broadbent, a' fàgail a dhreuchd an dèidh do phrothaid na buidhne tuiteam 92% ro chìsean air a' chiad shia mìosan den bhliadhna. Bha na reic iad de stuth san ùine sin sìos cuideachd 4.6% seach an aon àm an-uiridh.

Lloyds

Tha Buidheann Bancaidh Lloyds am beachd 9,000 cosnadh a ghearradh air an ath thrì bliadhna, mu 10% den luchd-obrach gu lèir. Tha am banca air 30,000 cosnadh a ghearradh mar thà an dèidh dhan Riaghaltas cobhair a dhèanamh air a' bhuidhinn an dèidh èiginn an ionmhais.

Ebola

Thuirt a' chompanaidh GlaxoSmithKlein gum faodadh banachdach airson Ebola a bhith aca ro dheireadh na bliadhna. Thuirt a' chompanaidh gun tèid an droga fheuchainn an toiseach air luchd-obrach slàinte, mus tòisich iad air nas motha dheth a dhèanamh airson a chur am feum nas fharsainne an ath-bhliadhna.

Inbhir Ghràinnse

Thuirt a' bhuidheann dham buin ionad peatro-cheimigeach Inbhir Ghràinnse, gu bheil an t-atharrachadh a tha iad a' cur an sàs a' cumail ris a' bhuidseat agus clàr-ama a chuir iad romhpa. Tha a' chompanaidh Ineos a' leasachadh na làraich gus am bi e a' losgadh gas chlach-ghuail às Aimeireaga. Bha stailc aig an ionad aig an àm seo an-uiridh, le àimhreit eadar luchd-obrach agus na stiùirichean. Tha an t-aonadh Unite ag ràdh gun do ghluais mòran den luchd-obrach sin gu companaidhean eile a tha a' toirt cosnaidh nas fheàrr dhaibh.

Subsadaidh Ath-nuadhachail

Dh'iarr Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, air Riaghaltas Bhreatainn cinnt a thoirt do luchd-leasachaidh le leudachadh air an ùine a gheibh iad subsadaidh airson chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan. Agus thuirt Mgr Ewing gum bi e a' faighneachd a bheil riaghladair a' chumhachd Ofgem a' cur barrachd uallaich air luchd-leasachaidh dealain anns na h-Eileanan, na tha iad ann an sgìrean eile.

Uibhist a Tuath

Chan eil fios fhathast an dèan Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath tagradh mun cho-dhùnadh a chuir stad air a' phlana aca airson tuath-gaoithe ri linn agus gun do thog Ministreachd an Dìon dragh mu dheidhinn. Choinnich a' chompanaidh leasachaidh an-dè ri ball nan Eilean Siar aig Holyrood, Alasdair Allan, agus bidh coinneamhan aca le Comhairle nan Eilean Siar an ath-sheachdain.