Làrach ro-eachdraidheil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Lorgaidhean bho Linn an Umha

23 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

A rèir choltais, tha làrach ro-eachdraidheil a chaidh a lorg san Rubha ann an Leòdhas nas sine na bha daoine an dùil.

An toiseach, bha arc-eòlaichean Uisge na h-Alba a' dèanamh dheth gur e dachaigh a bh' ann bho Linn an Iarrainn.

A-nise, ge-tà, mar a tha Ruaraidh Rothach ag aithris, tha iad den bheachd gu bheil e a' dol air ais gu Linn an Umha.