Comhairliche air fàgail nan Lib-Deamach
- Air fhoillseachadh

Dh'fhàg fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich na Libearalaich Dheamocratach agus cuid sa phàrtaidh air fàgail air gun robh e a' sgaoileadh stuth bho bhuidhinn air an fhìor làimh dheis air na meadhanan sòisealta.
Thathar a' fàgail air Drew Millar gun robh e a' sgaoileadh stuth bhon bhuidheann Britain First an aghaidh a' chreideamh Mhuslamaich.
Tha buidheann nan Lib-Deamach air Comhairle na Gàidhealtachd a' cur às leth a' chomhairliche gun do sgaoil e beachdan agus ìomhaighean bho dhuilleag Facebook Britain First am measg charaidean.
Tha na Lib-Deamaich a' cumail a-mach gu bheil na h-ìomhaighean a' brosnachadh gràin-chreideamh an aghaidh Mhuslamach.
Fhad 's a tha am pàrtaidh a' rannsachadh na casaidean, dhiùlt Mgr Millar seasamh sìos mar chathraiche air a' Chomataidh airson Sàbhailteachd sa Choimhearsnachd agus Co-ionannachd.
Co-obrachadh
Dh'fhàg e buidheann nan Lib-Deamach air a' chomhairle agus leig e dheth a bhallrachd sa phàrtaidh.
Tha na Libearalaich Dheamocratach ag ràdh gun cuir iad tagraiche air adhart mar oidhirp a chur às a dhreuchd mar chathraiche air a' chomataidh an ath-sheachdain.
Dh'innis Mgr Millar dhan BhBC gun do sgaoil e dealbhan de luchd-strì le soidhnichean ag iarraidh saorsa an cuid bheachdan a nochdadh.
Cha robh e den bheachd gur ann bho Britain First a thàinig iad, agus chaidh e às àicheadh gu robh e airson gràin-chreideamh a bhrosnachadh.
Bha e deònach, thuirt e, co-obrachadh leis an rannsachadh, ach b' e an argamaid a bh' aige gun robh e neo-chiontach mus d' fhuaireadh ciontach e.