Teine an Drochaid na Cuingleam

Chaidh na ceudan dhaoine a chur a-mach à taigh-òsta faisg air an Aghaidh Mhòir tràth sa mhadainn Diardaoin, agus coltas ann gun robh teine anns a' chidsin.

Thug e grunn uairean a thìde, ge-tà, mus d' fhuair an luchd-smàlaidh a-mach càite an robh an teine.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu Taigh-òsta a' Hilton ann an Drochaid na Cuingleam mu 3.00m, nuair a chaidh an clag dheth agus smoc ri fhaicinn air trì làir.

B' fheudar còrr is 400 luchd-aoigheachd teicheadh bhon taigh-òsta fhad 's a bha luchd-smàlaidh a' dèanamh sgrùdadh air an togalaich.

Pìos fiodha

Thug iad sia uairean de thìde lorg fhaighinn air co às a bha an ceò a' tighinn - pìos fiodha a bha os cionn àmhainn sa chidsin 's a bh' air a dhol na theine, ach gun lasair a' tighinn às.

Le còmhdach timcheall air, chan fhaiceadh an luchd-smàlaidh e leis an uidheamachd tearmach aca nas mò.

Leis nach robh an toit a bha a' tighinn às tiugh, cha deach cus milleadh a dhèanamh air an taigh-òsta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile