Raon ùr ola sa Chuan a Tuath

Lasair-bhoillg gas Image copyright Thinkstock

Dhearbh na companaidhean BP agus GDF Suez gun do lorg iad raon ùr ola sa Chuan a Tuath.

Tha dùil ri còrr is 5,000 barraille san là bhon raon ùr, a tha a' dol tarsainn air sgìrean a tha an dà chompanaidh ag obrachadh.

Ma bha cuid draghail gun robh ola na h-Alba a' sìoladh às, cha b' adhbhar dhaibh a bhith.

Dhearbh na companaidhean BP agus GDF Suez gun do lorg iad raon ùr den stuth dubh ann am meadhan a' Chuain a Tuath.

Thuirt stiùiriche GDF Suez, Ruud Zoon, gur e seo an treas tobair shoirbheachail aca am-bliadhna.

Buannachd

Tha a' chompanaidh cuideachd ag obair an iar air Sealtainn.

Còmhla ri BP, tha iad am beachd £10bn a chur an sàs sa Chuan a Tuath, le còrr is £7bn den sin ga chosg thar an ath chòig bliadhna.

Thuirt Ministear a' Ghnìomhachais agus a' Chumhachd aig Riaghaltas Bhreatainn, Matthew Hancock, gun robhas gu mòr airson uiread 's is urrainn de dh'ola is de ghas, gu h-eaconamach, a thoirt a-mach às a' Chuan a Tuath.

Thuirt e cuideachd, gun robh an raon ùr seo a' sealltainn na 's urrainnear coileanadh ma dh'obraicheas companaidhean còmhla, gus buannachd fhaighinn às na cothroman mòra a tha an lùib na th' air fhàgail de dh'ola is de ghas sa Chuan a Tuath.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile