BBC Naidheachdan

Salmond a' beachdachadh air tilleadh gu Westminster

Published
image captionThuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gu bheil e a' beachdachadh air seasamh airson àite aig Westminster san Taghadh Choitcheann an ath-bhliadhna.
Dh'fhaodadh gun seas Ailig Salmond airson àite mar bhall-pàrlamaid aig Westminster aig an ath Thaghadh Coitcheann.
A' bruidhinn air a' phrògram Question Time, thuirt Mgr Salmond nach eil e buileach air inntinn a dhèanamh an-àirde.
Tha Mgr Salmond a' dol a leigeil dheth dreuchd a' Phrìomh Mhinisteir an ath-mhìos.
Bha e roimhe na bhall-pàrlamaid airson Sgìre Bhainbh is Bhuchain airson 13 bliadhna, gu ruige 2010.

Deimhinnte cinnteach

Dh'fhaighnich am preasantair, Daibhidh Dimbleby, do Mhgr Salmond co-dhiù am beachdaicheadh e tilleadh gu Westminster gus sabaid a dhèanamh airson an NHS às leth an luchd-bhòtaidh Shasannaich.
Thuirt am Prìomh Mhinistear: "'S e freagairt ur ceist, a Dhaibhidh, agus 's urrainn dhomh innse dhuibh gu deimhinnte cinnteach nach eil mi air m' inntinn a dhèanamh suas. Mar sin, feumaidh sibh feitheamh.
"Ach canaidh mi seo, nuair a tha mi air m' inntinn a dhèanamh suas, thoir cuireadh dhomh tilleadh air Question time agus innsidh mi dhuibh carson a rinn mi e."
Thuirt Mgr Dimbleby: "Chan eil an doras dùinte ma-tha?"
Fhreagair Mgr Salmond: "Faodaidh sibh sin a thoirt bho na tha mi dìreach air a ràdh, a Dhaibhidh, tha sin ceart".

Gòrdan

Tha fathannan air a bhith a' dol mu Mhgr Salmond a bhith a' tilleadh gu Westminster on a dh'innis e gun robh e a' dol a leigeil dheth a dhreuchd mar cheannard an SNP, agus a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba, an dèidh do luchd-bhòtaidh na h-Alba neo-eisimeileachd a dhiùltadh.
'S i Nicola Sturgeon, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, a lìonas an dà dhreuchd air co-labhairt a' phàrtaidh ann am Peairt san t-Samhain.
Thuirt Mgr Salmond an dèidh an referendum gun leanadh e air mar BhPA airson Siorrachd Obar Dheathain an Ear.
Ach tha beachdan a-nis air nochdadh gur dòcha gun seas e airson roinn-taghaidh Ghòrdain aig Westminster, far a bheil 'overlap' leis an seat aige aig Holyrood.
'S e an Lib-Deamach, Sir Malcolm Brus, a th' ann an seat Ghòrdain an-dràsta, ach tha esan air a ràdh gum bi e a' seasamh sìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Salmond a' falbh an dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd