SSE ag iarraidh 'prìs choitchinn'
- Published
Tha a' chompanaidh dealain SSE ag ràdh gu bheil iad air a bhith ag iomairt fad mhìosan airson aon phrìs dealain dhan dùthaich air fad.
Tha seo a' tighinn às dèidh ghearainean thairis air a' chola-deug a dh'fhalbh mu mar a tha SSE a' toirt air muinntir na Gàidhealtachd 's nan Eilean dà sgillinn a bharrachd a phàigheadh airson gach aonad dealain, an coimeas ri àiteachan eile san dùthaich.
Tha gearanan air nochdadh anns na meadhanan agus bho ùghdarrasan ionadail - nam measg, bha Comhairle nan Eilean Siar, a thuirt gun robh a' chùis maslach.
Aig an àm, thuirt a' chompanaidh gur e an fheadhainn a bha a' stiùireadh an lìonra dealain as coireach, a dh'aindeoin 's gur e roinn eile de SSE a tha sin.
Ach a-nis, tha iad air sgrìobhadh gu Rùnaire a' Chumhachd, Ed Davey, ag iarraidh prìs choitchinn air feadh Bhreatainn, 's ag ràdh gu bheil iad air a bhith ag iomairt airson an leithid o chionn mhìosan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 21 An Dàmhair 2014