Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coimisean Eòrpach

Tha an Coimisean Eòrpach ag iarraidh £1.7bn a bharrachd bhon Rìoghachd Aonaichte 's iad ag ràdh gum feum Breatainn an t-airgead a phàigheadh leis gu bheil eaconamaidh na dùthcha seo a' dèanamh nas fheàrr na th' ann an dùthchannan eile. Tha an Riaghaltas ag ràdh nach eil sin idir cothromach agus gum bi iad a' tagradh na aghaidh. Thuirt ceannard UKIP, Nigel Farage, gur e fàilligeadh agus cùis-nàire a th' ann dhan Phrìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron.

Eaconamaidh

Tha figearan ùra an-diugh ag ràdh gun tàinig fàs 0.7% air eaconamaidh Bhreatainn anns na trì mìosan gu deireadh an t-Sultain. Tha sin beagan nas lugha na bha e air na trì mìosan ron a sin, nuair a bha fàs 0.9% air toradh na dùthcha.

Ìre laghail na dibhe

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air ìre laghail na dibhe airson dràibheadh a ghearradh ro àm na Nollaige, bho 80 gu 50 mìlegram airson gach mìleliotair. Tha an Riaghaltas ag ràdh gur e cùmhnadh beatha dhaoine as motha a th' air an aire.

Salmond

Thuirt Ailig Salmond, Prìomh Mhinistear na h-Alba, a bhios a' fàgail na dreuchd sin air an ath-mhìos, gu bheil e a' beachdachadh air seasamh airson àite aig Westminster anns an Taghadh Choitcheann an ath-bhliadhna. Thuirt Mgr Salmond air prògram telebhisean a' BhBC, Question Time, a-raoir, nach tàinig e gu co-dhùnadh air an sin fhathast.

SSE

Thuirt SSE, a' chompanaidh dham buin Scottish Hydro, gun do sgrìobh iad gu Rùnaire Cumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Ed Davey, an dèidh tuilleadh ghearanan mun dà sgillinn a bharrachd air gach aonad dealain air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha ag iarraidh air SSE cuir às dhan chosgais sin. Tha SSE ag ràdh ge-tà, gur e sin na tha e a' cosg dhaibh dealain a chur dha na sgìrean iomallach agus gu bheil a h-uile companaidh eile ga chur an sàs cuideachd.