Irving fhathast gun fhios mu shaorsa

Billy Irving
Image caption Chaidh Billy Irving a chur an grèim o chionn bliadhna.

Thuirt fear às Earra-Ghàidheal, a bha ag obair air bàta tèarainteachd anns na h-Ìnnseachan, a chaidh a chur an grèim ann bho chionn bliadhna, agus a tha ann fhathast, nach eil fhios aige cuin a gheibh e cead an dùthaich fhàgail.

Bha Billy Irving ag obair far chosta nan Ìnnseachan nuair a chaidh a chur an grèim fo chasaid nach robh na gunnaichean a bha air bòrd a' bhàta air an clàradh mar a bu chòir, agus gun robh iad ann an uisge nan Ìnnseachan gu mì-laghail.

Thuirt e cuideachd gu bheil e ga fhaighinn duilich e fhèin a chumail agus e san dùthaich, agus gur beag na rinn ùghdarrasan na Rìoghachd Aonaichte gus taic practaigeach a thoirt dha.

Chaidh na casaidean a thilgeil a-mach ach tha a' chùirt air diùltadh an cead-siubhail aigesan agus aig feadhainn a bha ag obair còmhla ris a thoirt air-ais dhaibh, is iad air ath-thagradh a dhèanamh 'son feuchainn ris na casaidean a thoirt nan aghaidh a-rithist.