Sgrùdadh ga dhèanamh air an A82
- Air fhoillseachadh
Tha an A82, am prìomh rathad air taobh siar na Gàidhealtachd, fhathast dùinte mu chòig mìle deas air a' Ghearasdan, às dèidh dà mhaoim-slèibhe Là na Sàbaid.
Tha sgioba de luchd-einsinniridh fhathast a' tomhas cuine a bhios e sàbhailte an rathad fhosgladh a-rithist.
Tha slighe eile air a chomharrachadh do dhràibhearan, air an A9.
Chaidh an A82 a dhùnadh madainn na Sàbaid an uair a dh'adhbharaich dìle uisge maoimean-slèibhe eadar an Gearasdan agus Baile a' Chaolais.
Sprùilleach
Bha peinnseanairean a bha a' siubhal air bus am measg mu 50 neach a bh' air an glacadh airson timcheall air còig uairean de thìde, beagan mhìltean gu deas air a' Ghearasdan.
Chaidh an toirt gu sàbhailteachd, ach tha na carabadan aca fhathast air an rathad.
Thuirt neach-labhairt bho Bear Scotland, ged a bha iad air craobhan agus sprùilleach eile a thoirt far an t-slighe, gu bheil cuid de dhrochaidean fhathast fon uisge agus gu bheil luchd-einnseanairidh a' dèanamh sgrùdadh air bruaichean ri taobh an rathaid a dh'fhaicinn a bheil cunnart ann gun adhbharaich an t-sìde fhliuch tuilleadh mhaoimean-slèibhe.
Gus am fosgail an rathad a-rithist, feumaidh dràibhearan a tha a' siubhal gu tuath neo gu deas a dhol timcheall an A9, slighe a chuireas astar de chòrr is 150 mìle ris an turas aca.