Faraidhean aiseig RET do dh'Arainn
- Air fhoillseachadh
Thàinig faraidhean aiseig Eilean Arainn a-nuas gu mòr Diluain agus an sgeama RET ga chur an gnìomh airson a' chiad uair.
Fon t-siostam RET, bidh faraidhean aiseig air an ceangal ri na chosgadh e a bhith a' siubhail an aon astar air a' rathaid.
Bho Dhiluain, tha turas le carbad eadar Arainn agus tìr-mòr a' cosg £29.70 - sìos bho £70.
Bidh daoine air chois a' pàigheadh £7.30 - sàbhaladh de £4.
Tha aiseag Arainn a' seoladh à Àrd Rosain ann an Siorrachd Àir.
Tarraingeach
Thuirt Coinneach Gibson, am BPA Nàiseantach airson Coineagan a Tuath, a tha a' gabhail a-steach Arainn agus Àrd Rosain, gun robh an sgeama RET "na dheagh naidheachd don luchd-turais agus do dh'eileanaich".
Thuirt e: "'S e ceann-uidhe air leth a th' ann an Arainn agus tha làn-dhùil agam gum bi an sgeama RET na bhuannachd do mhuinntir an eilein - mòran dhiubh a bhios a' siubhal air ais 's air adhart gu tìr-mòr gu cunbhalach.
"Le nas lugha de chosgais romhpe, bidh an t-eilean fiù 's nas tarraingiche do luchd-turais na tha e mar-thà."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 27 An Cèitean 2014