An A82 air fosgladh às ùr
- Air fhoillseachadh
Tha an A82, am prìomh rathad air taobh siar na Gàidhealtachd, air fosgladh às ùr an dèidh do mhaoim-slèibhe a dhùnadh Là na Sàbaid, mu chòig mìle deas air a' Ghearasdan.
Bha e dùinte fad còrr is 24 uairean de thìde.
Tha solais eadar-amail air an cur an sàs aig Drochaid Choire Churrachain agus aig Gleann Rìgh.
Chaidh sgrùdadh a dhèanamh gus dearbhadh dè cho mòr 's a bha an call a rinn an droch shìde, 's tha luchd-einsinniridh air dearbhadh gu bheil e a-nis sàbhailte do dhràibhearan.
Sìde
Chaidh an A82 a dhùnadh madainn na Sàbaid an uair a dh'adhbharaich dìle uisge maoimean-slèibhe eadar an Gearasdan agus Baile a' Chaolais.
Bha peinnseanairean a bha a' siubhal air bus am measg mu 50 neach a bh' air an glacadh eadar na maoim-slèibhe airson timcheall air còig uairean de thìde.
Tha grunn rathaidean air dùnadh air an taobh siar o chionn beagan bhliadhnaichean, agus sprùilleach air a thighinn a-nuas orra ann an aimsir fhliuch.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 27 An Dàmhair 2014