A82
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An A82 air fosgladh às ùr

28 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhosgail an A82, am prìomh rathad air taobh siar na Gàidhealtachd, feasgar Diluain.

Bha e dùinte faisg air a' Ghearasdan fad còrr is 24 uairean an dèidh dà mhaoim-slèibhe a bhith ann.

Bha cuid de dhaoine glacte sna carbadan aca airson còig uairean de thìde.

Tha rathaidean air dùnadh grunn thursan air an taobh siar sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, an deidh uisge trom.

Tha Andreas Wolff ag aithris.