Sarah Boyack BPA a' seasamh mar thagraiche

Sarah Boyack BPA
Image caption 'S i Sarah Boyack a' chiad neach a th' air innse gu bheil iad airson na dreuchd a' ghabhail os làimh.

Dhearbh am Ball-Pàrlamaid Albannach airson sgìre Lodainn, Sarah Boyack, gu bheil dùil aice a h-ainm a chur air adhart airson dreuchd cheannard a' Phàrtaidh Làbaraich an Alba.

Bha Ms Boyack roimhe na ministear ann an Riaghaltas na h-Alba, agus bidh i an-dràsta a' bruidhinn às leth nan Làbarach air cùisean nan ùghdarrasan ionadail.

'S i a' chiad neach a th' air innse gu bheil iad airson na dreuchd a' ghabhail os làimh, às dèidh Johann NicLaomainn an obair fhàgail Dihaoine seo chaidh.

Thuirt Ms Boyack: "Tha tuigse agam air a' Phàrtaidh Làbarach.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn obrachadh còmhla - feumaidh sinn obrachadh mar theaghlach, feumaidh sinn ar teachdaireachd a sgaoileadh - chan ann a-mhàin aig ìre na RA, ach thar sgìrean iomallach na h-Alba."

Tha Rùnaire Dùbhlanach an Leasachaidh Eadar-nàiseanta, Jim Murphy, fhathast gun innse am bi esan a' cur ainm air adhart.

Tagraichean

Na bu tràithe air an là, thuirt ceannard eadar-amail a' phàrtaidh, Anas Sarwar, gun robh esan an dùil gum biodh grunn thagraichean gan cur fhèin air adhart.

Tha grunn BhPA mar-thà air innse nach bithear a' seasamh, a thuilleadh air an t-seann Phrìomhaire Gòrdan Brown.

Thuirt Mgr Sarwar, a bha na Leas-cheannard cuide ris a' Bh. NicLaomainn, nach robh e airson a bhith na cheannard air a' phàrtaidh.

Tha an dithis BhPA Jenny Marra agus Kezia Dugdale, bhon ghinealach as òige aig Holyrood, iad fhèin air innse nach bi iad a' seasamh mar thagraichean, a thuilleadh air fear de dh'àrd-bhuill a' phàrtaidh.

Thuirt labhraiche às leth an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, nach biodh am BP "a' tilleadh gu poileataigs làitheil", ged a cuid de BhP agus BhPA a' cur ìmpidh air seasamh.

Tha Jackie Baillie, a bhios a' gabhail àite Johann NicLaomainn aig Ceistean a' Phrìomh Mhinistear aig Holyrood Diardaoin, cuideachd air innse nach bi ise a' cur airson na dreuchd.

Ceist

Tha cuid eile bhon phàrtaidh, leithid Niall Findlay, nach eil air leigeil fhaicinn dè a tha nam beachd, 's mòran a' faighneachd am bi iad a' cur an ainmean air adhart mar thagraichean.

Tha Rùnaire Dùbhlanach an Leasachaidh Eadar-nàiseanta, Jim Murphy, cuideachd gun innse am bi esan a' cur ainm air adhart.

Faodaidh buill a' phàrtaidh an ainmeannan a chur air adhart mar thagraichean gu h-oifigeil bho Dhihaoine seo tighinn.

Aig a' cheart àm, tha seann cheannard a' phàrtaidh an Alba, Johann NicLaomainn, air a ràdh gu bheil i a' seasamh air chùlaibh nan adhbhar a thug i seachad airson an dreuchd fàgail.

Thuirt i gu bheil i a-nis a' coimhead air adhart ris an deasbad mu thuilleadh chumhachdan do dh'Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile