Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sìde

Tha buaidh na droch shìde, an dèidh uisge trom, a' cur maill air luchd-siubhail air feadh na Gàidhealtachd an-diugh. Tha an rathad eadar Inbhir Nis agus Ulapul, an A835, dùinte a-rithist aig Garbh, rud a bheir buaidh air trafaig na h-aiseig ann an Ulapul. Tha tuil air an rèile a' cur maill cuideachd air na seirbheisean trèana tro Gharbh eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse. Tha maoim-slèibhe mhòr a' dùnadh an rathad eadar Uachdair Thìre agus Srath Charrain agus tha sin a' ciallachadh gur e an A87 an aon roghainn a th' aig dràibhearan eadar an Caol agus Inbhir Nis. Ann an Earra-Ghàidheal, tha an A83 dùinte aig an Rest and Be Thankful, agus ged a bha an A82 anns an sgìre sin dùinte cuideachd airson ùine eadar a' Chrìon Làraich agus an Tairbeart ri taobh Loch Laomainn, tha an rathad sin fosgailte a-niste.

Lloyds

Tha Buidheann Bhanca Lloyds a' gearradh 9,000 cosnadh air an ath thrì bliadhna agus a' dùnadh 150 meur den bhanca air feadh na dùthcha. Thuirt Lloyds gu bheil iad cuideachd a' cur £900m an dàrna taobh airson airgead dìoghlaidh do dhaoine dhan deach àrachas PPI a reic.

Làbaraich

Cha tàinig duine fhathast air adhart gu foirmeil airson seasamh mar cheannard air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. Dh'iarr Anas Sarwar, an ceannard eadar-amail, air luchd-taic na pàrtaidh an Alba a bhith aonaichte gus an tèid riaghaltas Làbarach a thaghadh anns an Taghadh Choitcheann an ath-bhliadhna.

'S ann air a' 15mh là den ath mhìos a bhios Pàrtaidh Làbarach nan Eilean Siar ag ainmeachadh an tagraiche airson an Taghadh Choitcheann. Tha còignear air an liosta: Tormod Dòmhnallach, Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar; Alasdair Moireasdan, a bha na bhall aig Holyrood; Murchadh MacIllInnein; Peadar Clark agus Calum Iain Mac a' Mhaoilein.

Camarathan

Tha na camarathan astair coitcheann a' tòiseachadh an-diugh air an A9 eadar Inbhir Nis agus Dùn Blathain. Tha Còmhdhail na h-Alba ag ràdh gun tug na camarathan mar-thà, ged nach robh iad air, air dràibhearan gabhail air an socair. Tha feadhainn a tha an aghaidh nan camarathan ag ràdh nach e astair, ach droch dhràibheadh as coireach ris a' mhòr-chuid de thubaistean. Tha sgeama pìleat a' tòiseachadh an-diugh cuideachd air an aon earrainn den rathad a bheir cead do làraidhean mòra a bhith a' siubhal aig 50 seach 40 mìle san uair.

SSE

Thòisich ath-chuinge anns na h-Eileanan Siar an aghaidh prìs an dealain aig SSE. Chuir Buidheann Gnìomh na Bochdainn anns na h-Eileanan an iomairt air bhonn an dèidh dha tighinn am follais gu bheil muinntir na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' pàigheadh dà sgillinn a bharrachd air aonad dealain na tha daoine ann an sgìrean eile.